Main content

Tar-sgrìobhadh: Deasbad nan Sgoiltean

Hannah: Cha do dh’adhbhraich na cogaidhean seo ach sgrios, mì-thoileachas agus briseadh-cridhe aig ìrean cho uabhasach. Bhruidhinn mise ri mo sheanmhair is dh’innis i dhomh nach do choinnich ise ri a h-athair air sgàth an dàrna cogaidh. Bha mo shinn-sheanair agus mo shinn-sheanmhair a’ fuireach ann an Ameireaga, ach thàinig mo shinn-sheanmhair dhachaidh a Leòdhas nuair a fhuair i a-mach gun robh a màthair tinn. Sia mìosan an dèidh sin, rugadh mo sheanmhair. Bha i air na ticeadan a cheannach airson an dithis aca tilleadh air ais do dh’Ameireaga anns an t-Sultain 1939, ach dà latha ron an latha seo, thòisich an dàrna cogadh, is cha b’ urrainn dhan an dithis aca tilleadh. Bhàsaich mo shinn-sheanair, Coinneach anns a’ chogadh, is chan fhaca mo shinn-sheanmhair tuilleadh e, agus bhris a cridhe. Thuirt mo sheanmhair gu bheil cuimhne mhionaideach aice air a màthair a’ caoineadh gach latha gus an do bhàsaich i, às aonais a leannan gu bràth. Ach a chàirdean, gu mì-fhortanach, chan e sin ach aon de na sgeulachdan uabhasach a thachair air sgàth a’ chogaidh.