Tar-sgrìobhadh: Leugh Mi
Rosemary: Cha robh mòran roghainn ann. Bha leabhraichean sgoile againn agus bha sinn ag ionnsachadh bàrdachd 's a’ leughadh bàrdachd mar phàirt dha na cùrsaichan sgoile againn. Ach a bharrachd air “Làithean Geala”, far an robh cruinneachadh de dhiofar sgeulachdan...
Anna: Tha cuimhn’ a'm air!
Rosemary: ... cha robh sgath ann agus nuair a thàinig “Raghnaid” a-mach bha e dìreach... Dhùisg e faireachdainnean annam, agus tha mi creidsinn gur e seo an leabhar a thug orm creidsinn gu robh Gàidhlig “cool.”
Anna: Cò bh’ ann an Raghnaid?
Rosemary: ‘S e bh’ ann an Raghnaid ach nighean òg bho na h-eileanan, a chaidh sìos a Ghlaschu airson a bhith na nurs – rud a thachair; bha e cho cumanta nuair a bha sinne a’ fàs suas. Bha dà roghainn ann: rachadh tu dhan oilthigh no rachadh tu a nursadh. Agus bha dlùth-cheangal aig Raghnaid ris an dachaigh aice, ach bha i air cur roimhpe gu robh i dol a Ghlaschu airson obair nursadh a dhèanamh. Bha fios aice gum biodh, mar gum biodh, an cianalas oirre, ach bha ceanglaichean aice air tìr-mòr, chionn bha caraidean bhon taigh, gu h-àraid bràmair, no balach anns an robh ùidh aice, Ruairidh, bha esan a’ dol dhan oilthigh.
Ach mar a shaoileadh tu ann an sgeulachd sam bith a tha a’ dol a tharraing, mar gum biodh, ùidh òigridh, bha mar gum biodh cnap-starra beag ann ann an cumadh Mòrag Bheag, agus bha Raghnaid air, mar gum biodh, innse dhi fhèin gu robh nòisean sgràthail aig Mòrag Bheag air Ruairidh.