Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar
Pàdraig: Tha mi smaoineachadh gur e rud gu math fallain a th’ ann airson cultar sam bith gum bi breithneachadh ann. Gum bi deasbad ann mu dheidhinn litreachas, mu dheidhinn ealain, mu dheidhinn ceòl, agus ’s e rud math fhèin airson cultar san fharsaingeachd cuideachd, gum bi sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn a h-uile càil, agus sin an dòigh far a bheil sinn a’ cruthachadh luach dhan ealain sin, agus an dòigh a tha sinn, a tha a’ fàs nas cudromaiche 's a’ faighinn inbhe mar bu chòir, aig cridhe chultair neo cridhe choimhearsnachd sam bith.
Marc: Uill tha dithis agaibh nur sgrìobhaichean, A’ Mhàiri, A’ Mhàiri Kidd, tha thusa nad sgrìobhaiche cuideachd; a bharrachd air a bhith a’ dèanamh sanasachd – gus fios a bhith aig daoine gu bheil leabhar agad a-muigh an sin, agus ri cheannach, a bheil e a’ dèanamh feum dhut gu pearsanta, mar sgrìobhaiche, nuair a chì thu lèirmheas?
Màiri: Tha mi smaointinn gu bheil agus dhòmhsa dheth mar fhoillsichear chanainn gu bheil mi air obrachadh le iomadach sgrìobhadair far an robh breithneachadh dha-rìribh cudromach. Ann an dòigh bha iad a’ feitheamh air a’ chiad lèirmheas sin, agus ’s ann an uairsin mar gum biodh a bha iad a' faireachdainn gun robh an leabhar air a thighinn beò, oir mar a thuirt Pàdraig, mar a bha e mìneachadh an sin, tha cultar, ’s e nàdar de chòmhradh a th’ ann an cultar, agus a bharrachd air a bhith mar sin, a' toirt aire an t-sluaigh do leabhar, tha nàdar, tha thu faotainn inbhe dhiofraichte le bhith a’ faighinn lèirmheas ceart smaoineachail.