Tar-sgriòbhadh: Sgeulachd Beatha
An aon nighean a th’ againn, bha i gu math meadhanach agus air sàillibh cho òg ’s a bha i cha do thuig na dotairean gun robh i cho meadhanach ’s a bha i. Ach co-dhiù chaidh a toirt a-null a dh’Uibhist agus à Uibhist chaidh a cur suas a Leòdhas gu math luath agus bha tumour air a' bhowel aice. Bha i meadhanach airson seachdain a-staigh ’s cha robh i ag ithe ’s cha robh i ag òl ach nuair a fhuair iad suas a Leòdhas i bha i cho ìseal agus gum b' fheudar dhaibh - cha b’ urra dhaibh sgath a dhèanamh dhith ann an cabhaig so bha iad a’ feuchainn ri na levels aice fhaighinn suas agus rinn iad sin agus dh’fhòn an lannsair thugam sa mhadainn 's thuirt e rium, nist, tha sinn a' toirt na h-ighinn agad dhan theatre ach ars’ e fhèin, it’s a matter of life and death, ach co-dhiù, fhuair i seachad air agus bidh i air ais ’s air aghaidh fhathast a dh’ospadail far am bi iad a’ cumail sùil oirre.