Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill
Kirsteen: ’S ann frasach a bhitheas i feasgar anns na h-Eileanan Siar, tron Ghàidhealtachd gu ruige Caolas Mhoireibh, na h-Eileanan mu Thuath agus Siorrachd Obar Dheathain. Ro chiaradh an fheasgair, bidh iad pailt agus trom le ma dh’fhaodte tàirneanaich nan cois. Bidh i fionnar mu thuath airson an àm sa dhen bhliadhna le oiteagan car làidir gaoithe bhon iar air neo bhon iar-thuath, eadar dusan agus còig-deug celsius anns an fharsaingeachd an seo. Mu mheadhan agus ceann a deas na dùthcha, bidh i tioram gu ìre mhòr is chithear greisean soilleir grianach a’ nochdadh. Anns a’ ghrèin, ruigidh i mu sheachd-deug no ochd-deug celsius aig a’ char as àirde, i a’ faireachdainn an ìre mhath càilear ann am fasgadh. A-nochd, sgapaidh na frasan tron dùthaich an ìre mhath. Bidh iad bitheanta trom a-rithist le ma dh’fhaodte tàirneanaich nan cois. Tro uairean beaga na maidne, gluaisidh a’ mhòr-chuid de na frasan air falbh dhan a’ Chuan a Tuath. Thig turadh anns an fharsaingeachd le greisean de dh’iarmailt shoilleir. Èirigh a’ ghaoth bhon iar-thuath gu ruige neart gèile anns na h-Eileanan mu Thuath agus bidh i làidir ann am mòran sgìrean eile, eadar ceithir agus seachd celsius.