Tar-sgrìobhadh: Beagan Spìosraidh Nam Beatha
Spice Girls. Dà fhacal a tha dìreach a' dol còmhla cho math ’s a ghabhas agus nuair a chanas tu an dà fhacal a tha sin, tha dìreach na h-ìomhaighean bho na naochadan dìreach a’ brùchdadh air ais gu mo cheann agus làithean sona agus dh’fhaodadh tu ràdh fear dha na còmhlain pop as fheàrr a bha riamh ann bhon an rìoghachd a tha seo. Dìreach na fhuair iad de mheas bho daoine, chan e a-mhàin clann òga agus nigheanan òga agus na rinn iad cuideachd airson cumhachd nam boireannach. Ach cumhachd nam fireannach cuideachd.
’S e Wannabe a’ chiad òran agus bha mi ag ràdh rium fhèin dè fo ghrian a tha seo. Nuair a chuala mise an t-òran tha sin an toiseach, bha mi ag ràdh uill chan eil sinn air sgath sam bith a chluinntinn coltach ris a seo ron a seo. Tha seo cho ùr, bha e dìreach gu tur ùr agus a’ bhidio a bha a’ dol leis cuideachd, bha mise dìreach air mo bheò-ghlacadh.
Tha mi smaointinn 's e mar a tha iadsan ’s e dìreach package a th’ ann, na h-òrain, an ceòl, na rig-outs, fhios agad an seòrsa aodach a bhios iad a’ cur orra, na h-ìomhaighean a chaidh an clàradh cuideachd le na characters aca. A h-uile sgath dheth sin a’ tighinn a rèir a chèile cho math agus tha mi smaointinn gur e sin as coireach gu bheil iad cho soirbheachail agus a’ dol chun an latha an-diugh. Tha mise smaointinn, a dh’innse na fìrinne dhut, mar a chanas iad fhèin, tha am package tha sin ag obair cho math, bidh iadsan a’ dol agus air àrd-ùrlar le na zimmerframes aca.