Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil
Iain: Tha thu air a bhith a’ teagasg neo ann am foghlam fad do dhreuchd.
Raonaid: Yeah fad mo bheatha really. Cha robh mi ann am Port Rìgh uamhasach fada, phòs mi 's chaidh mi sìos a Shasainn dhan Chaisteal Nuadh.
Iain: Agus an robh thu fhèin ag obair shìos an sin?
Raonaid: O uill! Dh’fheuch mi ri obair fhaighinn mar tidsear ’s fhuair mi litir air ais ag ràdh, daoine nach gabhadh an cuid Beurla a thuigsinn, nach toireadh iad dhaibh obair! Smaoinich! Geordies!
Iain: An fheadhainn a tha bruidhinn! (Gàire)
Iain: Uill ’s toil leam fhèin... ’s toil leam fhèin am blas-cainnt a th’ aca...
Raonaid: O ’s toil, ’s toil.
Iain: ..ach chan urrainn dhomh atharrais air, ge-tà. Feuchaidh mi blas-cainnt sam bith, ach chan urrainn dhomh sin a dhèanamh. An dèan thu fhèin e?
Raonaid: Cha chreid mi gun dèan! Ach cha robh iad gam thuigsinn! Tha cuimhne a’m latha ’s mi anns a’ bhùth ’s mi ’g iarraidh leth-phunnd churran – agus thug iad dhomh dà chlach! Theab mi bàsachadh, a’ dol dhachaigh leis an dà chlach de churrain! Cha leigeadh an leisge leam a ràdh riutha nach e sin a bha mi ag iarraidh!
Iain: Bha iad a’ tarraing asad ’s ag obair ort, tha mise smaointinn!
Raonaid: Tha fios a’m!
Iain: ’S dè an obair a lorg thu shios an sin, ma tha?
Raonaid: Uill, bha mi ag obair air telephone directories agus cha robh mi gan tuigsinn air a’ fòn, ’s tha ainmean caran... ainmean nam bailtean beaga timcheall air a’ bhaile mar Seaton Deleval agus Houghton-Le-Spring, agus rudan mar sin... cha robh mi a’ dèanamh stèama dhiubh.