Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar
Thàinig an leabhar a-mach an toiseach bho chionn dà bhliadhna air fhichead agus tha e air a bhith a-mach à clò bho chionn fhada. Agus seo e air a thighinn a-mach man a bha e, ach a-mhàin gu bheil na deilbh air a bhith digitised ’s le sin tha na deilbh tòrr nas fheàrr anns an fhear sa, anns an dàrna fear, na bha e sa chiad fhear.
A thaobh na daoine coimhead air ais air ann an dòigh eadar-dhealaichte, dè an atharrachadh tha còrr is fichead bliadhna air a thoirt air a’ sgìre, atharrachadh mòr, gu h-àraid air dè man a tha daoine a’ bruidhinn ri chèile agus dè tha an leth òg do dhaoine a’ bruidhinn ri chèile. Eil fhios agad, cha robh meadhanan sòisealta na càil dhan a sin ann. Ach chan eil sin ag ràdh nach bu chòir, tha, barrachd oidhirp ri dhèanamh airson gun urrainn dha daoine dhan a threubh 's dha bheil thus', ionnsachadh dè man a leughas iad deilbh dhubh is geala mar seo. Bhon, tha sibh air ur dalladh le dathan dearga, air na goireasan tro bheil sibh coimhead fad na h-ùine, tha attention span air druideadh ’s air dùnadh suas gus nach eil daoine toirt ùine neo àite mar sin do dhealbhan. Bhon tha deilbh a’ flaidhigeadh timcheall man bleideagan sneachd, agus tha iad a’ leaghadh a cheart cho luath ri sin ’s cha mhòr gum bi cuimhne orra, glè fhada às dèidh sin. Ach ’s e th’ ann an seo, tha am facal dealbh meallta, bhon tha e toirt a-steach cus, bu chòir facal eile bhith airson na deilbh bleideagach a th’ ann an-diugh.