Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Cathy: Tha mi creidsinn gur e ceist cho farsaing ’s a th’ ann, a th' ann an cuin a tha còir aig daoine an dreuchdan fhàgail. An canadh tu a thaobh poilitigs gu bheil sin gu ìre mhòr fa leth bho thòrr dhreuchdan eile?
Anna: Tha mi creids’ gu bheil. ’S e saoghal a th’ ann far am bi daoine ag iarraidh, bidh an èigh a’ dol an àirde cho tric. Bu chòir dhan a’ mhinistear a dhreuchd a leigeil seachad no a dreuchd a leigeil seachad. Bidh daoine ag iarraidh dìoghaltas. Bidh mì-thoileachas ann, tha sin ann co-dhiù eadar pàrtaidhean, ach tha roinnean taobh a-staigh pàrtaidhean fa leth agus iadsan ag iarraidh an riochdaire aca fhèin a chur air adhart agus nuair a tha mearachd no dìoghaltas a dhìth, tha mi smaoineachdainn gu bheil sin a’ cur ris a’ bhuaireadh a th’ ann mar-thà seach gur e saoghal a th’ ann far a bheil buaireadh. Tha argamaid ann, tha deasbad ann, agus ’s e rud math a th’ ann an deasbad agus tha e fallain ann an deamocrasaidh ach ’s e rud a th’ ann cuideachd a tha millteil. Ma smaoinicheas tu air ais air nuair a thàinig Gordon Brown a-steach mar phrìomhaire, bha e air a bhith anns na bliadhnaichean thuige sin, gu math soirbheachail. Nuair a thàinig e a-steach gu dreuchd eadar-dhealaichte agus bha daoine ag radh, uill dè tha thu a' dol a dhèanamh? Cha robh na freagairtean ’s dòcha a’ tighinn cho luath agus cha robh smachd aige air a’ phàrtaidh aige fhèin, agus tha mi smaoineachadainn gun do dh’atharraich tòrr, nuair a thòisich Vince Cable a’ fanaid air ag ràdh ann an Taigh nan Cumantan, gun robh e air a dhol bho bhith mar Stalin gu bhith mar Mr Bean. Agus nuair a thòisicheas daoine a’ fanaid mar sin, air ceannard poilitigeach, tha iad ann an staing.