Tar-sgrìobhadh: Dà Sgeulachd bho Iain Moireach
An Tuiteamas le Iain Moireach nach maireann
Iain: Nuair a choisich mi a-steach dhan a’ chafaidh air an fheasgar a bha siud, cha dèanainn a-mach an toiseach an robh duine staigh no nach robh gus an do dh’fhàs mo shùilean cleachdte ris na gathan solais ioma dhathach a bha a’ deàrrsadh air na sanasan os cionn a’ chuntair. Nochd nighean àrd bhàn mu mo choinneamh ann a sin agus rinn i snodha gàire orm agus chreid mi aon uair eile gum b’ ann rium fhìn a-mhàin a dhèanadh i gàire cho soilleir blàth. Rinn mi fhìn gàire. Bha i brèagha.
“Dè bu mhiann leibh?” ars ise.
“Chan eil fhios a’m, och cofaidh dìreach.”
“Mòr no beag?”
“Eh beag. Aye, beag.”
Thòisich mo mhisneachd a’ tilleadh agus an dealbh air dè bu mhiann leam a’ dol às.
“Le bainne agus siùcar.”
Bhruidhinn mi àrd os cionn fuaim inneal a’ chofaidh. Thog i meur.
“Tha siùcar...”
“Oh aig ceann a’... tha, tha. Glè mhath.”
Rinn mi mo shlighe le mo chofaidh eadar na bùird gu taobh thall an àite. Shuidh mi le mo dhruim ris a’ bhalla agus thòisich mi a’ sporghail na mo phocaid air tòir mo leabhar-là.
Reoth mi mar sin fhèin nuair a chuala mi guth faisg orm ag ràdh, “Trobhad seo.”