Main content

Tar-sgrìobhadh: Sàr Chlàr

Jenna Mhoireasdan a’ còmhradh ri Patsi NicChoinnich

Patsi: À Inbhir Nis a tha i bho thùs, ach, uill, Hearach gu cùl. Tha e na thoileachadh dhomh a bhith a’ cur fàilte air Jenna Mhoireasdan – no mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh sinn i, Jenna Chuimeanach. Ciamar a tha thu, Jenna?

Jenna: Tha mi gu math, a Phatsi, sibh fhèin?

Patsi: Chan eil dona agus tapadh leat airson a bhith còmhla rinn. Ann an dòigh, saoilidh mi Jenna – cha b’ e ruith ach leum nuair a thàinig mi thugad ag iarraidh ort clàr a thaghadh – chan ann mar sin a tha a h-uile duine. Cha robh càil a leisg ort! Ciamar a chaidh thu timcheall gnothaich? Tha fios a’m gu robh sinn a’ bruidhinn a-null ’s a-nall ’s mar sin air adhart, mar a bhitheas sinn, le leithid a chuspair agus leithid a cheist a tha gu math doirbh, ach ciamar a làimhsich thu fhèin a’ cheist?

Jenna: Uill, thug mi seachad beagan ùine a’ beachdachadh air dè bha mi ag èisteachd ris aig an àm a chuir sibh a’ fòn thugam, agus tha mi gu mòr ag èisteachd ri ceòl spioradail an-dràsta, agus ’s e sin an adhbhar a thagh mi an clàr a tha seo, agus ann an 2011 anns an t-Sultain, thòisich mi a’ frithealadh coinneamhan ùrnaigh anns an eaglais anns an robh mi ann an Scalpaigh, ’s ged a dh’aithnich mi gu robh atharrachaidhean a’ tighinn orm, cha robh mi buileach a’ tuigsinn gu dè a bha tachairt agus ’s ann a thàinig mi tarsainn air an clàr a tha seo ann an 2011 agus thug e buaidh mhòr orm aig an àm sin.