Tar-sgrìobhadh: Là ithean Geala 4
Bean an Taighe
Tha Calum glè choltach ri athair, ach is ann ri a màthair a tha Màiri coltach. Tha iad le chèile beag, sgiobalta, le falt dubh, sùilean gorma, agus gruaidhean dearga.
Rugadh agus thogadh màthair na cloinne ann an Cnoc an Fhraoich, dà mhìle gu leth an iar air Loch an Dùin. Is fhada bhon bha i fhèin agus Seumas, an duine aice, eòlach air a chèile, oir bha iad còmhla anns an sgoil, ann an Coir an t-Sìthein. Is e Mòrag NicCoinnich an t-ainm a bha oirre anns an sgoil. Tha ise nis cho dèidheil air Loch an Dùin ri Seumas fhèin, ach is tric a bheir i sgrìob fhathast gu Cnoc an Fhraoich. Bidh a’ chlann a’ dol ann cuideachd. Is fìor thoigh leotha a dhol air chèilidh air an seanair agus an seanmhair, agus air Alasdair, bràthair am màthar, a tha na chìobair ann an Cnoc an Fhraoich.
An uair a dh’fhàg Mòrag, màthair na cloinne, sgoil Choir an t-Sìthein aig aois cheithir bliadhna deug, thug i còrr is dà bhliadhna ag obair anns an taigh-òsta ann an Àird na Creige, far am bi mòran do luchd-turais a’ tighinn air chuairt gach samhradh. Bha i an dèidh sin còig bliadhna ann an Glaschu, ann an Dùn Èideann, agus anns an Òban, mus do phòs i. Tha i mar sin glè eòlach air tir-mòr, ach is fheàrr leatha gu mòr a bhith anns an eilean far an do thogadh i, agus cha bhi i tric a’ dol a dh’àite eile; chan eil cus ùine aice co-dhiù. A h-uile samhradh bidh i fhèin agus a’ chlann a’ dol cuairt don Ghearastan. Tha Anna, a piuthar, pòsta an sin, agus tha triùir chloinne aice, Dòmhnall is Coinneach is Seònaid.
Ged a tha Mòrag beag, tha i air leth math air obair, agus is ise a dh’fheumadh sin, oir tha gu leòr aice ri dhèanamh, eadar an taigh, a’ chroit, a’ chlann, agus a h-uile rud. Cha mhòr a chanadh gun dèanadh i na tha i a’ dèanamh, is gun innte ach còig troighean agus trì òirlich a dh’àirde; ach tha lùths math innte, agus cha chuir obair chruaidh cùram idir oirre.
A. Freagair na ceistean seo a-nis - agus sin cho math ’s a tha agad!
1. Dè an dath a tha air falt Màiri, air a sùilean agus air a gruaidhean?
2. Dè an dath a tha air d’ fhalt fhèin, agus air do shùilean?
3. Dè an t-astar a tha eadar Cnoc an Fhraoich agus Loch an Dùin?
4. Dè an t-astar a tha eadar an taigh agaibh fhèin agus am baile as giorra dha?
5. Cò air a bhitheas màthair Màiri a’ dol air chèilidh?
6. Cò air a bhitheas tu fhèin a’ dol air chèilidh?
7. Dè an aois a bha Mòrag an uair a dh’fhàg i an sgoil?
8. Dè an aois a bhitheas tu fhèin an uair a dh’fhàgas tu an sgoil seo?
9. Dè an aois a bha thu an uair a thàinig thu innte?
10. Càit a bheil piuthar Mòraig a’ fuireach?
11. Dè bhitheas bràthair Mòraig a’ dèanamh?
12. Càit am bi Mòrag agus a’ chlann a’ dol a h-uile samhradh?
13. Càit am bi thu fhèin a’ dol?
14. Dè an àird a tha ann am màthair na cloinne?
15. Saoil dè an àird a tha ann am balla na h-eaglaise?
B. Cuir facail fhreagarrach far a bheil feum orra:
1. Bidh sinn a’ faicinn le ar....
2. Bidh sinn a’ cluinntinn le ar....
3. Bidh sinn ag obair le ar....
4. Bidh sinn ag ithe le ar....
5. Bidh sinn a’ ruith le ar....
6. Is ann le.... a bhitheas duine a’ sgrìobhadh.
7. Tha an tuathanach a’ treabhadh le....
8. Bidh sinn a’ ruamhar le....
9. Bidh sinn ag iasgach le....
10. Tha an gille ag iomain le....
C. Bi air d’ earalas leis an fheadhainn seo!
1. Cia mheud òirleach a tha ann an troigh?
2. Cia mheud troigh a tha ann an slait?
3. Cia mheud òirleach a tha ann an slait?
4. Cia mheud òirleach a tha ann an dà throigh gu leth?
5. Cia mheud òirleach a tha ann an dà shlait gu leth?
6. Cò aca as fhaide - slat gu leth no ceithir troighean?
7. Cò aca as truime - punnd iarainn no punnd itean?
8. Cia mheud earball cait a ruigeadh an t-adhar?