Main content

Tar-sgrìobhadh: Rubha Aonghais

Aonghas Dòmhnallach: Uill, fad ’s a bheil sinn nar seasamh ann a seo, dìreach mach bhuainn, tha cnap mòr is nuair a thèid thu sìos air a’ mhol, tha toll shìos fodha, toll mòr Bogha na Gile. Agus, chì thu muir a’ tighinn a-steach troimhe, tha an toll a’ dol bho taobh na mara dhan a’ chreig a-steach dhan a’ mhol. Agus tha cuimhne a’m m’ athair air a bhith ag ràdh rinn gum biodh iad a’ seòladh na h-eathraichean a-steach ann bho taobh na mara son tha an toll fhèin cho àrd. Ach, bhiodh na bodaich a’ cur feagal oirnn leis an uaimh a bha sin cuideachd.

Alasdair MacLeòid: Bhiodh gu dearbha fhèin, agus bhiodh sinn ann gu math tric ged a bhiodh iad a’ cantail rinn cumail air falbh bhuaithe, agus tha mac-talla iongantach ann. Nuair a bhios an tràigh a-muigh, ma gheibh thu a-steach pìos dhan gheodha, bhiodh sinn ag èigheachd is ag onghail ann a sin, a’ cluinntinn mac-talla. Ach, bha sgeulachd eile ann gur ann a siud a bhiodh Mac an t-Srònaich, agus gun robh e cunnartach a dhol ann agus gun robh a’ gheodha, cha b’ ann a-mhàin a Suardal, gu robh a’ gheodha a’ dol sìos a Gharrabost, gum biodh Mac an t-Srònaich air ais is air adhart anns a’ gheodha a tha seo fon talamh à Garrabost a Shuardal, ach chan fhaca sinn riamh Mac an t-Srònaich, ach cò aig a tha fios?

Aonghas: Tha sin a’ dearbhadh dhut gun robh underground anns an Rubha mus robh e riamh ann an Lunainn.