Tar-sgrìobhadh: Mà iri Sìne air an Òrdaig
Màiri Sìne: Bha na togalaichean a bh’ ann gu math brèagha cuideachd. Anns na dùthchannan sin tha iad uabhasach math air taighean a thogail a tha freagarrach dhan an teas, bheil fhios agad, nuair a thèid thu a-steach dha na taighean tha e fionnar... agus um... dìreach an seòrsa cuimhne a th’ agamsa air Fez gur e àite brèagha a bh’ ann.
Maureen : Agus càite an deach sibh a-rèist às dèidh Fez?
Màiri Sìne: Chaidh sinn an uairsin gu Rabat... agus an uairsin chaidh sinn gu Marrakesh agus bha sin gu math inntinneach cuideachd. Tha mi smaoineachadh gu bheil Marrakesh a-nise, gu bheil e dìreach làn luchd-turais ach, aig an àm sin, cha robh e cho... cha robh uidhir a dhaoine ann às an Roinn Eòrpa... agus tha àite mòr, mòr anns a’ mheadhan far a bheil a h-uile seòrsa rud a’ tachairt. Tha margaid ann is tha daoine le nathraichean ann agus bha mise a’ cumail pìos air falbh bhuapasan... agus a h-uile seòrsa rud... daoine ag ithe teine is bha an àite dìreach air ghoil, ...is ceòl a‘ dol is glainneachan beaga teatha.