Main content

Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar

DU Stiùbhart "Uilleam Againne"

Mark: A Dhòmhnaill Uilleim, tha mi an dòchas gu bheil thu nad shuidhe air peile an sin anns a’ stiùidio ann an Dùn Èideann.

DU: Taing a Mhark, aye dìreach air peile sinc, tha.

Mark: Uill, meal do naidheachd, ‘Oor Wullie’ againn a-nist’ anns a’ Ghàidhlig. Bha thu fhèin an sàs anns an eadar-theangachadh, abair gun robh dùbhlan an lùib sin. Tha thu a’ dèanamh eadar-theangachadh airson a chur ann am balùnaichean beaga ann am meadhan deilbh, tha thu gu math cuingealaichte a thaobh na dh’fhaodas tu cleachdadh de dh’fhaclan.

DU: ’S e dùbhlan mòr a bh’ ann gu dearbh ach aig an aon àm tha mi a’ smaoineachadh gur e dùbhlan a bu chòir dhuinn a ghabhail os làimh. Tha mi fhìn agus tha dithis, dithis eile, tha sinn air a bhith a’ ruith companaidh, companaidh coimhearsnachd mar a chanas iad ris, Cuilean Craicte. Tha sinn air a bhith a’ cur a-mach leabhraichean ann an nàdar de chlub leughaidh dha clann aig an aois chunnartach a tha siud eadar seachd bliadhna a dh’aois agus dusan bliadhna a dh’aois nuair a bhios iad a’ tòiseachdainn a’ leughadh air an ceann fhèin agus mar a bhiodh dùil, tha iad a’ tionndadh gu Beurla.