Tar-sgrìobhadh: Naidheachdan bho Cheap Breatainn
Guthan: Goiridh Dòmhnallach
Gilleasbuig Fearghasdan
Anns a’ phrògram seo chaidh Gilleasbuig Fearghasdan thar a’ chuain gu Eilean Cheap Bhreatainn far an d’ fhuair e cothrom bruidhinn ri muinntir an eilein aig a bheil Gàidhlig. Mar fhear a tha pòsta aig tè à Ceap Breatainn co-dhiù, tha Gilleasbuig gu math eòlach air an àite, ach fhuair e tuigse na b’ fheàrr air an turas a bha seo.
Bhruidhinn e ri Goiridh Dòmhnallach fhad ’s a bha e ann. ’S e neach-ionnsachaidh a th’ ann an Goiridh, agus bhruidhinn e mun shuidheachadh aig Gàidhlig san sgìre anns a bheil e fhèin a’ fuireach. Sa chriomag seo, dh’inns’ e do Ghilleasbuig carson a bha cuid de dhaoine den bheachd gun robh e car amaideach a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Gilleasbuig: Mar a dh’inns’ thu dhomh a Ghoiridh, chan eil an t-uabhas anns an sgìre seo an-diugh aig a bheil a’ Ghàidhlig. An robh na seann fheadhainn, an robh iad a’ tuigsinn carson a bha thu fhèin a’ gabhail uiread de dh’ùidh anns a’ chànan neo an robh e a’ cur iongnadh orra?
Goiridh: Bhiodh siud a-rèir cò an duine a bhiodh ann. Yeah, cuid dhiubh, bha iad uile gam mholadh, ach tha mi a’ dèanamh a-mach gun robh iad a’ smaoineachadh gun robh mi car faoin a bhith a’ cur a-staigh de dh’airgead agus de dh’ùine a bhith a’ togail seo bhon a bha iad fhèin car air am brainwasheadh bho chionn fhada nach robh uiread de dh’fheum anns a’ Ghàidhlig.
Agus, tha naidheachd bheag agam. Bha mi còmhla ri piuthar mo mhàthair bho chionn bliadhnaichean agus bha sinn a’ bruidhinn air mo sheanair, agus dh’inns’ mi dhith...thuirt i, "Oh, bha e uabhasach moiteil asad gun do thog thu a’ Ghàidhlig cho math sin".
Agus thuirt mise, "Uill, chan eil fhios ’am mu dheidhinn sin".
Bha e còmhla ri mo bhràthair aon turas, agus dh’fhaighnich e, "A bheil Gàidhlig agad fhèin?" is thuirt mo bhràthair, "Oh, chan eil", agus chan eil Gàidhlig aige ach corra fhacal.
Agus thuirt e, "Seadh, uill am biodh tu airson Gàidhlig ionnsachadh?" Is thuirt mo bhràthair, "Oh bhithinn nam biodh cothrom agam".
"Uill nam bithinns’ nad àite, ’s e Fraingis a dh’ionnsaichinn", thuirt e, "agus gheibheadh tu obair leis a sin", thuirt e.
Is dh’inns’ mi sin dhi, is thuirt i, "Dh’fhaodte gun d’ thuirt e sin agus 's e sin an seann sgeul a bh’ aig an t-seann fheadhainn mar sin".
Ach thuirt i, ann an ceithir fichead ’s a naoi, bha mi fhìn agus Bernie Camshron a’ gabhail òran air cuirm-chiùil shuas ann an Antaiginis agus bha sin air a chraobh-sgaoileadh a-mach air CJFX, an rèidio.
Agus dh’inns’ i dhòmhsa, agus bha esan marbh fad bliadhnaichean roimhe seo, agus dh’inns’ i dhòmhsa gun robh esan ag èisteachd ris a sin, agus thug i sùil air agus bha na deòir dìreach a’ sileadh air aodann mar sin.
So, sin agad mar, tha rud car...ann an dòigh schizophrenic mu dheidhinn nan daoine gun deach innse dhaibh nach robh mòran feum anns a’ Ghàidhlig riamh, ach nan cridheachan tha fhios aca gur i rud prìseil a th’ innte mar sin.