Tar-sgrìobhadh: Siud Thu – Kathleen NicAsgaill
Piuthar Ailean Caimbeul a' bruidhinn mu dheidhinn
Kathleen: Uill, ’s e mise ’s bu shine dhan teaghlach, agus tha mi bliadhna gu leth nas sine na Ailean. Agus mar sin, nuair a bha mise òg, ’s e A Beag a bh’ agam air, mar a bha e na b’ òige na bha mi, is bha mi a’ gabhail brath air mar sin.
On as cuimhn’ leamsa Ailean, bha ùidh aige ann an rudeigin air cuibhlichean. Bha e a’ falbh is thug e seann phram às a chèile agus sìos dhan frèam is gu na cuibhlichean. Is chuir e bogsa iasgaich air uachdar sin. Is bhiodh e...’s e bogey a bh’ aige air. Bhiodh e sìos is suas na bruthaichean air a sin!
Agus ’s e balach beòthail a bh’ ann an Ailean riamh. Agus creid e no nach creid e, bhithinns’ cheart cho... a’ falbh às a dhèidh anns a h-uile àite neo falbh leis, neo bhiodh esan a’ falbh às mo dhèidhsa, bhiomaid an-còmhnaidh cuideachd. Is ma bhiodh esan a’ dèanamh mì-mhodh, gu fìreannach bha agus mise.
Tha cuimhn’ a’m aon oidhche, chaidh daoine a’ tighinn a choimhead dhan taigh air chèilidh. Is thuirt mo mhàthair is m’ athair, “Oh, cuiridh sinn teine shìos anns an rùm ìosal dhuibhse, is gheibh sibh geamaichean mar snakes and ladders is rudan mar sin. Is faodaidh sibhse fuireach ann a shin gus am falbh na daoine tha seo.”
Co-dhiù nuair a bha... fhad ’s a bha an oidhche a’ dol air adhart, chaidh an teine sìos. Iochd, ’s ann a thòisich sinn a’ coimhead an robh m'athair a’ cumail pàipear air beulaibh an teine is bhiodh e a’ faighinn drafts. Chaidh sinn a choimhead airson pàipear, chan fhaigheamaid but, ach a’ chiall dè fhuair sinn anns a’ phreasa ach briogais bib and brace a fhuair mo mhàthair o fear a bha tighinn timcheall nan dorsan a’ reic, is air a cheannach airson mar gan canadh tu “special occasion”, agus chaidh mi fhìn is Ailean, cha robh ach am bib and brace a chumail suas ri aghaidh a’ ghrèat’.
Oh thòisich an teine a’ gabhail gu math. Cha robh guth gun robh tòin na briogais a’ dol air a tharraing a-staigh dhan a ghrèat’!
An ath rud, bha ceò ann is obh obh! Tòin na briogais a’ gabhail. Thug sinn a-mach sin, is chuir sinn às e. Phàisg sinn suas gu brèagha e, is chuir sinn ann am pasgan e, a-staigh dhan drathair far an robh e roimhe.
Dh’fhosgail sinn an uinneag ach an d’ rachadh am fàileadh a-mach.
Cola-deug às dèidh sin, dh’fhòn m’ athair ri mo mhàthair, “Oh, cudeigin on a’ chomhairle a’ tighinn a-nall a bhruidhinn rinn an-diugh.” Bha e ag obair aig an rathad aig an àm.
“Oh ma-thà, ars' màthair ’s dòcha gun urrainn dhut a’ bhriogais ùr a chur ort.”
O a chagair! Thug mise sùil air Ailean, is Ailean ormsa. An t-astar a bh’ againn a’ falbh dhan sgoil a mhadainn a bha siud, chuir e iongnadh oirre gu dè cho luath ’s a dh’fhalbh sinn dhan sgoil. Ach o bhròineag, nuair a thill sinn dhachaigh, bha ceasnachadh an sin! Droch sgleò os cionn an taighe an latha sin!