Main content

Tar-sgrìobhadh: Craiceann na Chanabhas

Gilleasbuig MacDhòmhnaill is Iain Beggs

Iain: Chan eil ach a dhà agam an-dràst’. Tha feannag air mo ghualainn, agus tha àireamh 408 – ceithir, neonaidh, ochd air mo bhroilleach.

Gilleasbuig: Agus carson – carson a fhuair thu iad sin?

Iain: An adhbhar a fhuair mi am feannag air mo ghualainn, ’s e air sgàth ’s gur e feannag a’ far-ainm a th’ air a shìn-sheanair agam agus sin ainm an teaghlach againn. Agus fhuair mi sin nuair a bha mi ochd bliadhn’ deug. Agus an uair sin ann an 2014, fhuair mi an àireamh ceithir, neonaidh, a h-ochd air sgàth ’s sin an àireamh-poilis a bh’ aig m’ athair, agus dh’eug e trì bliadhna as t-samhradh a-nist’.

Gilleasbuig: ’S mar sin, ’s e dà tatù tha sin a tha, tha fhios gu math cudromach, gu math pearsanta dhut fhèin?

Iain: Gu dearbha tha. Tha mi a’ smaointinn sin am prìomh adhbhar a bhith faighinn tatù, ’s e gu bheil e a’ ciallachadh rudeigin dhut fhèin agus gur e rud pearsanta a th’ ann.

Fhuair mi am feannag dìreach air sgàth ’s, uill sin an teaghlach againn agus... chan e airson cuimhneachadh mo shìn-sheanair oir... uill cha robh mi eòlach air, ach dìreach airson ag ràdh gur e sin na daoine, fhios a’d, às an tàinig mi fhìn.

Agus cuideachd, fhuair mi an àireamh m’ athair dìreach airson cuimhneachain dheth. ’S e dìreach airson, nuair a bhios mi ga faicinn, bidh mi a’ cuimhneachadh – cha bhi mi cuimhneachadh air a h-uile triop a tha mi ga fhaicinn mar a tha fhios agad ach tha, tha e math dìreach a bhith ga faicinn agus cuimhneachadh na rudan mu dheidhinn.