Main content

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 11

A’ Gearradh Leum ’s a’ Sìnteag! 2

Is fhada bho chuala sibh, “Am fear as luaithe làmh is e as fheàrr cuid", ach is e am fear agus an tè bu luaithe cas a bhitheadh air thoiseach, agus a gheibheadh na duaisean an latha seo. Cha b’ e sin na duaisean suarach cuideachd, agus bu mhath a b’ fhiach do dhuine strì is dìcheall a dhèanamh gus an cosnadh.

Ma bha casan na cloinne gu luath, sgiobalta am feasgar ud, sin mar nach robh spògan an uaireadair anns a’ mhadainn. Chan fhacas iad a-riamh a’ gluasad cho mall is cho slaodach. Bha a h-uile còig mionaidean cho fada ri seachdain le Niall, agus fadachd a bheatha air gus am faigheadh e a bhrògan canabhais mu a chasan. Ach mu dheireadh thall bhuail e leth-uair an dèidh dà uair dheug, agus fhuair a’ chlann fa sgaoil.

Mach a thaom iad nan deann-ruith, a h-uile fear is tè cho luath ri gille-mirein. Cha robh fios aca siud gu dè am blas a bha air a’ bhiadh a bha iad ag ithe, leis a’ chabhaig a bha orra. Cha do rinn iad ach a shlugadh mar gu faiceadh tu faoileag ag ithe sgadain.

Chualas sgread nam busaichean air taobh a-muigh a’ ghàrraidh aig còig mionaidean gu uair, agus bha iad làn ann an tiotan. Is ann an siud a bha an toileachas an uair a ràinig iad machair Shanndabhaigh agus a thòisich a’ chòmhstri. “Is e farmad a nì treabhadh”, tha iad ag ràdh, agus gu dearbh cha bu bheag am farmad a bha siud, agus a h-uile duine, beag is mòr, a’ dèanamh uile dhìcheall gus a bhith air thoiseach anns gach cleas. Cha robh seòrsa cleas nach robh an siud, eadar leum fada is leum àrd, cruinn-leum, sìnteagan agus rèisean de gach seòrsa.

“Nach neònach an rud a th’ ann”, arsa Mgr. Mac an t-Saoir, agus fiamh a’ ghàire air an aodann aige, an uair a bha na gillean mòra a’ cruinneachadh agus a’ sgioblachadh nan ròpan agus nam ball, nan cuibhlichean agus nam pocannan aig leth-uair an dèidh ceithir, “mar a bhitheas an deireadh a’ dol air an toiseach. Cò shaoileadh gur e an gille a bhitheas ag èaladh don sgoil a h-uile madainn mar gum bitheadh seilcheag, a bheireadh a-mach a’ bhuaidh air càch an-diugh! Is iomadh rud a chì am fear as fhaide bhitheas beò!”

Ach cha robh iongnadh sam bith air Niall fhèin ged choisinn e an cupa bòidheach airgid a bha ri thoirt don ghille a b’ fheàrr a dhèanadh aig na cleasan. Is fhada bho chuir e sùil ann agus a chuir e roimhe nach robh duine dol ga fhaighinn ach esan!

A. Is dòcha gu faigh thu fhèin duais ma fhreagras tu na ceistean gu dòigheil - ’s dòcha!
1. Carson a b’ fhiach do dhuine a bhith dìcheallach an latha seo?
2. Carson a bha spògan an uaireadair a’ gluasad mall anns a’ mhadainn?
3. Cuin a fhuair a’ chlann a-mach gu an dìnneir?
4. Cuin a b’ àbhaist dhaibh faighinn a-mach?
5. Saoil carson a fhuair iad a-mach cho tràth an latha seo?
6. Carson a tha a’ chlann air an coltachadh ri gille-mirein?
7. Dè bhitheas gille-mirein a’ dèanamh?
8. Ciamar a ghabh a’ chlann am biadh?
9. Ciamar a bhitheas faoileag a’slugadh sgadain?
10. Cuin a thàinig na busaichean chun na sgoile?
11. Dè cho fada ’s a thug a’ chlann a’ lìonadh nam busaichean?
12. Saoil ciamar a bha a’ chlann an uair a bha iad tilleadh dhachaidh?
13. Cò am fear a fhuair an duais a b’ àirde aig na cleasan?
14. Chuir seo annas air a’ mhaighstir-sgoile - carson?
15. Dè an duais a fhuair an gille a b’ fheàrr?

B. Leugh (a) agus sgrìobh (b) anns a h-uile sreath:
1. (a) Dè cho mòr ’s a tha e?
(b) Dè a’ .... a tha ....?
2 (a) Dè cho àrd ’s a tha thu?
(b) Dè an .... a tha ....?
3. (a) Dè cho fada ’s a tha an sgoil?
(b) Dè am .... a tha ....?
4. (a) Dè cho leathann ’s a tha an loch?
(b) Dè an .... a tha ....?
5. (a) Dè cho domhainn ’s a tha a’ mhuir?
(b) Dè an .... a tha ....?
6. (a) Dè cho tiugh ’s a tha am fiodh?
(b) Dè an .... a tha ....?
7. (a) Dè cho teth ’s a tha an teine?
(b) Dè an .... a tha ....?
8. (a) Tha a’ ghrian blàth.
(b) Tha .... anns a’ ghrèin.
9. (a) Is e duine glic a tha ann an Iain.
(b) Tha .... gu leòr ....
10. (a) Tha an geamhradh fuar ’s an reothadh cruaidh.
(b) Tha .... anns a’ gheamhradh agus .... anns an reothadh.

C. Cha do theirig na cleasan fhathast; seo agad tuilleadh dhiubh:
1. Dè cho àrd ’s a leumas tu?
2. Dè cho fada ’s a leumas tu?
3. Cò as àirde leumas anns an sgoil agaibh?
4. Cò as fhaide leumas?
5. Cò as luaithe ruitheas anns an sgoil agaibh?
6. Saoil cò as luaithe ruitheas ann an sgoil Choir an t-Sìthein?
7. Ainmich dithis dhaoine ann am Breatann a tha math air ruith.
8. Cò na creutairean as luaithe tha anns a’ mhuir?
9. Cò na creutairean as luaithe chunnaic thu fhèin a-riamh (air tìr)?
10. Saoil cò as luaithe dh’fhalbhas - bus na sgoile no an “Lochmòr”?