Tar-sgrìobhadh: An Canan Aonghas MacCuithein
Canan Aonghas MacCuithein: Uill, ’s e eachdraidh air leth a tha anns an teaghlach againne, gu h-àraid mi fhìn. An dèidh a’ chogaidh, bha m’ athair an sàs anns a’ chogadh mar a bha iomadach duine eile. ’S e an obair a bh’ aigesan a’ bristeadh a-staigh each shìos ann an Norfolk ann an Huntingdon. Agus ’s e a bha a’ bristeadh a-staigh each a bha air an toirt a-null dha na trenches sa chogadh airson na daoine a bh' air an leòn agus cuirp dhaoine a bha air bàs fhaotainn. Agus bha, chuir e seachad an cogadh a’ dèanamh sin, a’ bristeadh a-staigh each agus mu dheireadh, bha iad ag ràdh mu dheidhinn nach robh aige ach seasamh agus coimhead air each òg agus gum biodh làmh-an-uachdar aige air anns a’ mhionaid uarach. Uill, sin a-nis far a bheil toiseach-tòiseachaidh mo bheatha-sa. Nuair a bha an cogadh seachad, agus thill m’ athair dhachaigh mar a thill iomadach fear eile, taing do Dhia, ach bha rudan math air a ghealltainn dhaibh ach leth na truaighe, cha robh rud mòr ann agus thug iad an aghaidh air Canada a’ chuid bu mhotha aca. Rinn m’ athair an aon rud. Agus làthaichean mus robh iad ri falbh a’ Chanada, chaidh mo mhàthair suas chun an dotair, agus leth na truaighe, bha i naoi mìosan trom leamsa. Agus sin as coireach nach e muinntir Chanada a th’ annainne. Tha mi air a bhith air ais is air n-aghaidh bho Chanada cho tric, agus gam fhaicinn fhèin air feadh na Prairies mhòr fharsaing a tha sin. Ach taing do Dhia, cha d’ thàinig orm riamh na h-Eileanan an Iar fhàgail. Ach, siud toiseach mo bheatha, chuir mi dragh a bha siud air m’ athair is air mo mhàthair. Bha mi anns an rathad ann an dòigh, ach dh’fhan iad a-staigh an uair sin agus rinn iad a’ chuid a b’ fheàrr dheth.