Main content

Tar-sgrìobhadh: Coinneach MacÌomhair

Calina: Tha sinne gu math fortanach air dòigh, an fhìrinn innse dhut, anns a’ ghleann tha seo. Chan eil, mar a chanas iad, mains water againn ‘s mar sin chan eil stuthan ceimigeach tighinn anns an uisg’ againn, 's chan eil truailleadh sam bith a' tighinn air an uisg’ againn. Tha na h-uiread de thobraichean timcheall agus tha na taighean tha seo uile gu lèir ‘s ann air tobar no air allt no rudeigin mar sin, a tha an t-uisg’ aca tighinn agus sin mar a tha e an dèidh a bhith o chionn linn nan con mar a chanas iad.

Dòmhnall: Uill eadhon na h-uillt fhèin, ’s ann à tobraichean a tha iad a’ tighinn airson chan eil màthair-uisge air a' mhonadh a tha seo nach urrainn dhut a leantainn air ais gu tobar. H-uile h-allt a th’ ann, thèid agad air a leanail air ais a dh’ionnsaigh an tobar, a dh’ionnsaidh a mhàthair, ‘eil fhios agad?

Calina: Chan urrainn nach robh tòrr uisge ann, gu leòr uisge ann airson na bha de sluagh de dhaoine a' fuireach anns a’ ghleann tha seo aig an aon àm agus gu mì-fhortanach chan eil càil a dh’fhios againne niste anns an latha a th’ ann air an t-ainm air a h-uile tobar. Tha fear dhe na tobraichean shìos faisg air a’ chladh, ‘s e Tobar a’ Bhaistidh a tha sin. Tobar as a bheil an t-uisg’ againne tighinn, b’ fheudar dhuinn obair a dhèanamh timcheall an tobar tha sin o chionn dìreach seachdain no dhà air ais. An tanca tha an dèidh a bhith ann airson còrr is trì fichead bliadhna, bha sgàineadh innte ‘s bha i ag aoidion, ach an tobar fhèin, an sruthan fhèin, tha sin, nuair a bha iad a’ cladhadh sìos airson a ghlanadh, mar a thuirt iad, thàinig iad tarsainn air leacan is clachan timcheall air sin.