Main content

Tar-sgrìobhadh: Siud Thu

Criosaidh Lawson is Iain Moireasdan

Chrissie: Bha an duin’ agam an dèidh ’s gabhail a-null an taigh-sgoile ’s an sgoil ann a sin a bh’ air a dhol falamh bliadhnachan ron a sin. Agus bha an t-àite garbh freagarrach airson seòrsa obair a tha sinn a’ dèanamh. Sin far an do thoisich sinn a’ toirt seachad an t-seirbhis do dhaoine far a bheil sinn a’ rannsachadh na teaghlaichean ac’. Agus thòisich Bill an uair sin a’ sgrìobhadh, agus sgrìobh e leabhar mu dheidhinn Seiseadair ’s bha dùil againn nach biodh ann ach an aon agus tha sinn a-nis air ruighinn an trì-ficheadamh leabhar aige, mu dheidhinn eachdraidh - gu h-àraid eachdraidh nan teaghlaichean anns na h-eileanan, ach eachdraidh nas fharsaing cuideachd.

Iain: Gu dearbha agus dìreach ... cia mheud teaghlach tha sibh air a dhol tro na freumhan aca anns na bliadhnaichean sin?

Chrissie: Uill, airson na h-eileanan tha suas ri deich mìle craobh teaghlaich againn.

Iain: A dhuine bhochd!

Chrissie: Ach bhon a tha sinne nis air tòiseachadh cur stuth air coimpiutairean agus a dh’aithgheàrr bidh sinn an dòchas gum bi sinn a' creic seo air-loidhne. Tha sinn air rannsachadh còrr air fichead mìle eilthireach às na h-Eileanan. Agus airson na clàran a th’ againn airson na h-eileanan fhèin, tha iad sin air ìre ruighinn far a bheil iad nas fhaisg’ a-nis air cairteal a’ mhillean duine, a' dol air ais dà cheud bliadhna gu leth, nuair a tha sinn a’ toirt a-steach a h-uile duine, na daoine a dh’fhalbh, na daoine a dh’fhuirich, ’s na daoine a thàinig bhuap’.