Main content

Tar-sgrìobhadh: Coinneach MacÌomhair

Ruairidh Iain: Tha riaghailtean ùra againn agus tha iadsan na riaghailtean a tha sin a’ ceadachadh do dhaoine, can an-dràsta thu fhèin a’ cur a-steach tagradh chun a’ chùirt, dh’fhaodadh tu ìnnse dhuinn nuair a tha thu a’ cur a-steach an tagraidh gu bheil thu airson sin a dhèanamh ann an Gàidhlig agus gu bheil cothrom agad sin a dhèanamh. Dheigheadh eadar-theangachadh a chur air dòigh is a leithid sin. Agus mar sin, tha na riaghailtean gu math fosgailte a thaobh Gàidhlig a chleachdadh anns a’ chùirt, agus tha na riaghailtean a’ toirt seasamh do Ghàidhlig nach eil aig cànanan eile. Fhios agad, ma tha fianais ann an cùirt sam bith nach urrainn, anns an dùthaich seo, nach urrainn Beurla a bhruidhinn gu ìre far a bheil iad cofhurtail leis, thèid eadar-theangair a chur an sàs. Tha sinn ga fhaicinn a h-uile latha, bha sinn ga fhaicinn a h-uile latha. Tha mise ga fhaicinn a h-uile latha ann an Cùirt an t-Siorraim agus mar sin, tha an aon rud fìor mu dheidhinn Cùirt an Fhearainn. Ach, ’s e an rud a tha diofraichte, eadar-dhealaichte mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig ann an Cùirt an Fhearainn gu bheil an cothrom agad a’ Ghàidhlig a chleachdadh ma tha thu a’ gabhail pàirt anns a’ chùis fhèin ma ’s tu a tha a’ cur a-steach an tagraidh neo ma ’s tu a tha a’ freagairt an tagraidh. Nise, bu chòir dhomh a dhèanamh soilleir, tha an cothrom sin ann cuideachd ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh, Port Rìgh is Loch nam Madadh mura deachaidh atharrachadh a thoirt air a sin, is chan aithne dhomh gun deachaidh. Ach, a-rèir coltais, chan eil daoine a’ dèanamh feum dheth, ach co-dhiù, tha e iomchaidh tha mi a’ smaoineachadh a thaobh Cùirt an Fhearainn, agus eachdraidh Cùirt an Fhearainn gu bheil an seasamh àraidh a tha sin aig Gàidhlig anns a’ Chùirt fhathast.