Tar-sgrìobhadh: Eilidh an Tà illeir
Guth: Eilidh NicDhòmhnaill
Co-theagsa: Turas a Chanaigh gun fhiosta. Sin a thachair do dh’Eilidh NicDhòmhnaill, a bhuineadh dhan Iochdar ann an Uibhist a Deas nuair a bha i ag obair na h-òige ann an taigh-òsta Loch Baghasdail. Aig an àm, bha balaich òga, Scouts, a’ falbh air ais às dèidh a bhith air leave aig an taigh ann an Uibhist. Chaidh Eilidh agus a caraid Màiri sìos chun a’ bhàt’-aiseig nuair a bha iad deiseil a dh’obair. Chaidh iad air bòrd airson soraidh-slàn fhàgail aig na caraidean aca. Ach, ’s beag a bha dùil aca gun dèanadh iad fhèin turas thar chuan air an oidhche sin.
Eilidh: Tha cuimhn’ ’am gun do dh’fhairich mi rudeigin mar gum biodh, fhios agad mar gum biodh rudeigin a’ dol a chrith fo na casan agam. Is thuirt mi, thuirt mi rium fhìn, “Tha rudeigin a’ gluasad an seo”.
Agus, bha fhios ’am gum biodh iad a’ ringeadh bell na falbhadh am bàta, bha iad a’ ringeadh am bell mòr a bha seo airson innse do dhaoine gun robh iad fut airson falbh, is nam biodh duine air bòrd nach robh falbh gun tigeadh iad dheth.
Ach co-dhiù, thuirt mi ri Màiri, “Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil am bàta seo a’ gluasad”. Agus thuirt i, “Oh chan eil, chan eil”, thuirt i, “Tha sinn math gu leòr. Chan eil, bidh iad a’ ringeadh a’ bhell, cluinnidh sibh am bell.”
Agus, bha sin alright, agus dh’fhan sinn treis eile. Ach, a m’ eudail mhòr, dh’fhairich mi an rud a bha seo air chrith. Chaidh a chrith, na tremor mòr! Dè bha seo ach am bàta!
Thuirt mi, “Tha am bàta seo a’ falbh cinnteach”.
Dh’fhalbh sinn suas feuchainn am faiceamaid dè bha dol. Chan fhaiceamaid ach solais Loch Baghasdail. Agus sinne a-mach pìos mòr mòr bhon a’ chidhe!
Agus, tha fhios ’am an sgiobair a bh’ air a’ bhàta, chan eil cuimhn’ ’am dè an t-ainm a bh’ air an-dràsta co-dhiù. Ach, bhiodh e dol suas dhan bhàr, bhiodh e a’ dol suas còmhla ri Fionnlagh. Bhiodh iad a’ gabhail drama beag is cupa tì tha mi cìnnteach is gnothaichean shuas a sin, agus, bha e cho eòlach air. Agus, dh’fhalbh mise, mi fhìn is Màiri far an robh e, is thuirt mise ris, “Tha thu air falbh leinne, agus tha sinn supposed a bhith ag obair”.
Agus, “Dè tha thu a’ minaigeadh?”
“Uill, tha sinn air falbh. Chaidh sibh a-mach bhon chidhe. Cà’ bheil sinn a’ dol? Feumaidh tu tilleadh leinn.”
“Chan urrainn mi” ars esan, “tilleadh leibh”, agus thuirt e ann am Beurla, “It’s more than my job is worth.”
Agus chùm e air ann a shin, agus chùm e air.
Bha mi fhèin is Màiri, cha robh fhios againn dè dhèanamaid. Cha robh an còrr air ach falbh a’ Chanaigh air a’ bhàta, agus ràinig sinn Canaigh!