Tar-sgrìobhadh: Eadar dà Shaoghal
Guth: Dòmhnall MacLeòid
Criomag bhon phrògram Eadar Dà Shaoghal a chaidh a chraoladh na bu thràithe am-bliadhna. San t-sreath seo, dh’inns’ Dòmhnall MacLeòid, fear a tha aithnichte air Radio nan Gàidheal mar sìc-eòlaiche, sgeulachdan mu làithean-òige ann am Beàrnaraigh, Leòdhas. Sa phìos a tha seo, tha Nollaig a’ teannadh orra. Ged nach eil e buileach a’ tuigsinn nan cleachdaidhean Nollaige air fad fhathast, tha Dòmhnall òg air bhioran.
Dòmhnall:
"Dè cho fada ’s a tha e gu Christmas?" dh’fhaighnich mi dha mo mhàthair.
"Oh, tha e co-dhiù...ceithir mìle", ars ise.
Cha do chòrd e rium gur ann a’ tarraing asam a bha i.
"Huh", ars mise.
"Oh, tha còrr air mìos ann fhathast. Tha an t-seachdain sa, is an tè às dèidh sin is an tè às dèidh sin is an tè às dèidh sin, agus an uair sin, bidh Christmas ann".
Bha a h-uile càil a bh’ ann ga mo chur troimh-a-chèile. Bha catalog làn toys is stuthan Christmas air a thighinn bho Gamages. Ach cho fad ’s a chithinnsa, cha robh Christmas a’ dol a thighinn ann am bith.
Bha an t-sìde fhèin a’ stad. Bha an sgoil cho dòrainneach ris an eaglais is cha robh guth ann an àite seach àite air Christmas. Cha robh mise a’ tuigse dè bu choireach nach robh daoine a’ dol drol a’ feitheamh.
"’S ann aig àm Christmas a thàinig Crìost dhan t-saoghal", thuirt Granaidh.
Bha mise nam laighe air a cùlaibh anns an leabaidh. Cha chuireadh duine sam bith eile an àirde leam aig an àm ud. Bha e tràth, is cha robh càch air dùsgadh.
Bha Antaidh Cairistiòna anns an leabaidh eile, is a h-anail a’ dèanamh an aon fuaim ri srann cat air a dòigh. Bha a’ chuing oirre, ach cha robh e dona an uair sin.
"'S thug na trì daoine glic preusantan do Chrìost, is tha sinne a’ toirt preusantan do chlann an-diugh airson cuimhneachadh air an rud mhìorbhaileach a thachair ann a shin."
A-nise, bha rudeigin ceart agam mu Christmas.
"Dè", arsa mise, "a thug na daoine glic do Chrìost?" Bha làn fhiosam, is mi air a chluinntinn cho tric.
"Uill", arsa Granaidh, "tha am Bìoball a’ cantainn gur e òr is tùis is myrrh a thug iad dha."
Bha fhiosam dè bh’ ann an òr. "Dè th’ ann an tùis is myrrh?" dh’fhaighnich mi.
"Oh tha stuthan ach am biodh fàileadh brèagha san stàball".
Bha sin a’ dèanamh ciall. Gu cinnteach, cha b’ e fàileadh math a bha san seann stàball againne, gu h-àraid nuair a mharbhadh iad caora.
Cha robh còir aig duine dad a chantainn mu fhacal Dhè. Ach dè feum a bh' anns na rudan sin? Dè nan tugadh Santa dhomh saighdear beag òr agus dà bhotal scent? Cha robh mise ag iarraidh ach toys.