Main content

Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar

Ùisdean MacIllFhinnein

Uisdean: Chan ann tric a tha mise sa chidsin mar a tha fhios aig a’ mhòr-chuid agaibh, ach ’s ann an sin a’ lorg mi an leabhar a bu mhotha nach do chòrd rium air a’ bhliadhna a chaidh. Bha mi a’ feitheamh a’ choire agus a’ lorg nam briosgaidean a bha i fhèin air a chur air falach. Laigh mo shùil air sgeilp an leabhraichean. Shìn mi chun a ‘Star Chef’s Cookbook’ agus thug mi sùil air cò iad. Martin Blunos, Paul Heathcote. Cò? Uill, fiù ’s le m’ aineolas anns a’ chidsin, dh’aithnich mi Gordon Ramsay, Marco-Pierre White agus an dà Mhìcheil Ruadh, sean is òg.

An uair sin, mhothaich mi gun robh an t-ùghdar Richard Bramble air a làmh a chur ris an leabhar. ‘Cuiridh mi air eBay e’, thuirt mi rium fhèin agus nì mi fortan air. Bha coltas ùr-nodha air an leabhar, ach an uair sin, mhothaich mi gun robh steigear buidhe air duilleag ceud, leth-cheud ’s a trì. Steigear a bha i fhèin air a chur ann.

“Did this in July 2007, and it was good. Worked well for two smaller pieces of lamb.”

Marinated grilled lamb a chàirdean, b’ eòlach mo sheanair agus iomadach seanair eile air, agus chan eil deagh chuimhn’ agam cò ris a bha e coltach. Bha agad ri do chuid garlic a phrannadh, rosemary fhaighinn agus dh’fheumadh tu am bobhla a phiobrachadh. Bha suathadh ri dhèanamh, dòrtadh ola agus sùgh lemon. Bha agad ris an fheòil fhàgail fad na h-oidhche agus sin aig blàths an rùm.

Taigh Iain Ghròt, tha am microwave tòrr nas fhasa agus chuir sin gu truiseadh an leabhar mi, agus b’ e sin an truiseadh. Wood-roasted turbot tranche le capers a chàirdean, grilled squid le chillies, rudan Frangach nach do thuig mi is nach do chuir acras orm no eile. Cha robh blas no fàileadh riutha, gin dhiubh.