Tar-sgrìobhadh: Seanchasan Thormoid
Norman Maclean recites part of a short story called Laigse sa Bheurla.
Tormod: B’ e Dòmhnall Iain Eàirdsidh fear dha na sgoilearan a b’ fheàrr a thànig a-mach à Sgoil Cnoc na Mònadh riamh. ’N fhìrinn. ’S e gill’ òg ealanta a bh’ ann. Bhiodhte ’g ràdh gun dèanadh e an gnothach air sgoilear dhan aon aois ris anns na h-Eileanan air fad.
Bhon chiad latha a chaidh e innte, bha na tidsearan uileag ag ràdh gu robh deagh cheann air agus gu robh saoghal glòrmhor roimhe aig an fhoghlam: àrd-sgoil ann am Port Rìgh, ceumnachadh ann an saidheans anns an oilthigh, agus dreuchd chofhurtail le urram mòr còmhla ri fhaighinn ann an àite foghlaim am badeigin. Cha robh iad a’ fàisneachadh brèige. Nuair a leig e dheth a dhreuchd, bha e na Àrd Ollamh ann an colaiste Heriot Watt an Dùn Èideann. Ach ’s beag a bha fhios aig daoine mar a theab e a’ chiad dheuchainn a chur e a làmh ris a chreachadh! B’ e siud an “Quali.”
Dheisealaich Dòmhnall Iain Eàirdsidh e fhèin airson na deuchainne le bhith leughadh leabhar mu nàdar feallsanachd. Nach b’ e an curaidh e!