Main content

Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil

Iain Mac'illeMhìcheil agus Màiri Anna NicUalraig

Iain: Dè cho mothachail ’s a bha thu air Glaschu mar baile-ciùil an uair sin – chionn bha Stuart Maconie, tha mi smaoineachadh, a ràdh mu dheidhinn Glaschu gur e, gun teagamh, “Detroit na Roinn Eòrpa” dhàsan – tha dìreach ceòl ’s tha cridhe...

Màiri Anna: O, gu cinnteach dhòmhsa, nuair a bha mi nam oileanach, agus anns an àrd-sgoil – ’s ann anns na h-ochdadan a bha sin – agus bha dìreach beartas ciùil a’ dol ann a shin. Tha mi fhìn ’s an duin’ agam Nick, tha sinn a’ dol tro eighties-fest an-dràsta air a’ chàr, dìreach a’ taghadh rudan – tha esan dìreach rud beag nas sine na mise, ach tha sinn a’ faineachadh na h-aon òrain, ’s na h-aon chòmhlain, agus tha an càr dìreach loma-làn de dh’iomadh seòrsa...

Iain: O, cuiridh mise geall gu bheil!

Màiri Anna: O, abair e! Tainted Love, agus ... o cha b’ urrainn dhomh tòiseachadh air innse dhut gu dè uileag a tha ann. Ach bha fhiosam gu robh Glaschu dìreach cho làn ciùil – Hue and Cry, Love and Money agus a h-uile càil a bh’ air cùlaibh sin, na daoine bha ann anns na seachdad...

Iain: Blue Nile, bheil cuimhn’ agad orrasan?

Màiri Anna: O gu dearbha, cho ealanta, an còmhlan a bha sin, agus an sgrìobhadh-òrain a bha dol ann a shin. Sin a bha dol anns na ciad bhliadhnaichean agamsa anns a’ cholaiste – agus bha Deacon Blue – bha Dougie Vipond, bha esan anns a’ cholaiste cuide riumsa....

Iain: O an robh gu dearbh?

Màiri Anna: ... bha e air an aon bhliadhna rium. Ach dh’fhàg esan, chionn bha rudeigin na b’ fheàrr a’ dol aigeasan aig an àm (gàire) – agus cha b’ e ball-coise!