Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil
Mark: Bha mi seachnadh a bhith ag èisteachd ris an tidsear, bhiodh mo shròn ann an leabhar agus mo chorragan na mo chluasan eil fhios agad, air cùl a’chlas! Agus feumaidh mi a ràdh, feumaidh gu robh an tidsear agam, Mrs Ward an t-ainm a bh’oirre, tha cuimhne agam oirre, feumaidh gu robh I fìor, fìor thuigseach oir ‘s e a dhèanadh I ach bheireadh I a-mach air beulaibh a’ chlas mi, dh’fheumainn suidhe air stòl ri taobh, agus leig I leam cumail orm a’ leughadh an leabhar ach dh’fheumainn suidhe air a beulaibh... so mar sin bha I air an dàrna làimh...tha...gam pheanasachadh air dòigh air choreigin agus a’ sealltainn gu feumadh tu dèanamh mar a chanadh an tidsear riut, ach aig a’cheart àm, bha I a’ sealltainn dhan chlas gu robh e math a bhith a’ leughadh...
Iain: Uh huh.
Mark: ...agus tha mi smaoineachadh gu robh I fìor, fìor thuigseach ann a bhith a’ dèanamh sin, mo bheannachd oirre.