Tar-sgrìobhadh: Taigh nam Bà rr
Iain MacPhàrlain agus Jo NicDhòmhnaill
Iain: Tha sinn a-nise a’ seasachd ann an teis-mheadhan an fhùirneis ann an Taigh an Uillt an seo, agus bha mo shinn-sheanmhair ag obair an seo, bhon bha ise a’ rùsgadh na craobhan-daraich an seo. Ach ’s ann an seo a thòisich an rud air fad agus ’s ann an seo a bha Flòraidh NicLulaich ag obair, agus ’s ann an seo a choinnich i air Eàirdsidh MacCaluim a thàinig à taobh eile an loch an seo far an robh taigh-òsta aca bhon a bha aiseag a’ dol tarsainn an seo.
Jo: Rugadh Iain MacCaluim ann an ochd deug leth-cheud ’s a h-aon. Cha b’ ann còmhla ri phàrantan a chur e seachad a’ chiad chuibhreann dha bheatha idir; bha athair ag obair an Canada agus bha a mhàthair aig a cosnadh cuideachd.
Iain: Tha sinn nar seasachd a-nise dìreach ann am Baile an Deòir, a tha dlùth air Taigh an Uillt, agus ’s ann an seo a rugadh mo sheanair, Iain MacCaluim. ’S e baile a bh’ ann aig an àm sin, agus bha còrr is ceithir fichead neach a’ fuireachd an seo aig an àm, chunna mi cunntas mu dheidhinn sin. Agus bha esan a’ fuireachd le Iain Bàn Mac an t-Saoir agus Anna a bhean, agus bha ise ... ’s e piuthar dom shinn-sheanair a bh’ innte-se. Bha e air a thogail an seo agus tha mi cinnteach ’s ann an seo a fhuair e an deagh Ghàidhlig a bha aige.