Main content

Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne

John Neil: Tha Oilthigh Ohio State anns na Stàitean Aonaichte ag obair an-dràsta air coimpuitairean a thrèanadh airson ’s gun aithnich iad na faireachdainnean aig daoine. Tha na coimpuitairean a’ coimhead air aodainn dhaoine, agus a-rèir d’ aodann, tha iad ag obrachadh a-mach ciamar a tha thu a’ faireachdainn. Mar eisimpleir, ma tha gàire air d’ aodann, tha an coimpuitair ag aithneachadh gu bheil thu ann an deagh thrum.

Caran air an aon ràmh, thàinig film inntinneach a-mach an-uiridh leis an t-ainm 'Her', far an robh an duine seo ann an suidheachadh far an robh am pòsadh aige air bristeadh suas airson bha e a’ tuiteam ann an gaol le guth boireann a th’ anns a’ choimpuitair aige o chionn ’s gun i an aon tè a tha ga thuigsinn. ’S dòcha gu bheil sin doirbh a chreidsinn, ach bha e creidsinneach sa film.

’S e ceist inntinneach a th’ ann; dè an ìre a dh’fhaodadh teicneòlas a ruigeadh, gu h-àraid 'artificial intelligence' mar a th’ aca air, agus am faic sinn an latha far am bi faireachdainnean fìor aig coimpuitairean?

Tha gu leòr de dh’eòlaichean a’ smaointinn gum faic sinn an latha sin uair neo uaireigin, nam measg an eòlaiche fiosaigs, Stephen Hawking. Dhomh fhìn, chan eil mi buileach cho cinnteach. Tha a h-uile mac-pearsa a bha riamh ann, agus a tha fhathast ri thighinn fa leth agus àraid. Chan urrainn dhut mac-an-duine a chruthachadh ann am factaraidh neo seòrsa de phroduction line.

Ged a tha e gu math dèante gum faic sinn coimpuitairean neo ròbotan a dh’aithneachas rudan mar deidhinn, cha bhi tuigse aca gu bràth mu gaol agus an dàimh a tha ann eadar dhaoine. ’S e an dòigh agus a tha sinn fa leth agus àraid a tha aig cridhe nàdar mac-an-duine.