Main content

Tar-sgrìobhadh: Gèile Mhòr Ghlaschu

Kenna: 241 Kenmure St – sin a’ chiad dachaigh a bha againn, a bh’ agam fhìn ’s aig Alasdair. ’S bha sinn shuas gu h-àrd air a’ mhullach; bha i dìreach eagallach. Chan eil facal eile ann air a shon. Cha bhi sinn a’ cleachdadh am facal “eagallach” ach bha, bha siud eagallach! Agus sheall sinn, bha sinn air ar cois a’ coimhead a-mach. 'S nuair a sheall sinn sìos, bha a' ghaoth an dèidh an càr againn a ghluasad, agus an dèidh a dhol a-staigh dhan a’ chàr air thoiseach air. Chaidh Alasdair sìos a’ staidhre airson an càr a ghluasad air falbh a-rithist ’s a dhèanamh sàbhailt. Agus cha robh e ach air dà cheum a ghabhail a-mach às a’ chlobhsa nuair a thuit sprùilleach air choireigin a-nuas far a’ mhullach, dìreach càrn dheth, ’s dìreach chaol theàrn e nach tàinig e a-nuas air mullach a chinn.

Gilleasbuig: So thuit sin dìreach far an robh e air a bhith?

Ceana: Bha e dìreach air dà cheum a ghabhail a-mach – mar a chì thu, chan eil ann ach astar beag. Chan eil ann ach mu shia ceumannan a-mach on an doras, o dhoras a’ chlobhsa, a-mach chun a’ chabhsair.