Main content

Tar-sgrìobhadh: Mi Fhèin ’s Mo Cheòl

Iain MacIlleChiar

Dhan luchd-èisdeachd òg, feumaidh mi mìneachadh nach ann leis an dealan a bha an gramafon ga obrachadh, ach leis a’ làimh. Dh’fheumadh tu a thachras a h-uile turas – agus b’ e an rud a bu neònaiche gun dèanadh e barrachd air aon chlàr ach nach dèanadh e gu leòr dhe na dhà. Mar sin, mura robh thu air a thachras aig toiseach gach clàr, dh’fheumadh tu leum thuige, is car no dhà a chur dhen làimh airson a chumail a’ dol.

A bharrachd air a’ ghramafon, bha a rèidio againn – ’s gu fortanach, b’ ann leis an dealan a bha sin ga obrachadh! A h-uile seachdain, bha ceòl dannsa Albannach ann – agus ’s e linn an òir a bh’ ann airson nan còmhlan ud an uair sin. ’S e fear a b’ ainmeile dhiubh uileag Jimmy Shand – agus ràinig am fonn aige “The Bluebell Polka” a’ chiad fhichead ann an naoi ceud deug leth-cheud sa còig – an aon turas riamh a bha còmhlan-ciùil dannsa Albannach sa phrìomh fhichead.