Tar-sgrìobhadh: Bà rr a’ Bhaile
Linda NicLeòid
Linda: A-rèir beul-aithris, tha fearann eilein a’ Bhaile Shear fhèin mar is aithnear an-diugh e air a bhith air a roinn na dhà bhaile bhon t-siathamh linn deug. Tha an t-ainm Iolaraigh air a’ bhaile air iomall iar-thuath an eilein, ’s am Baile Sear air am baile deas dheth.
A bharrachd air a seo ge-tà, tha mòr-fhearann an urra aig an dà bhaile seo den eilean air tìr-mòr Uibhist a Tuath.
Tha fear bail’ Iolaraigh air Cladach Iolaraigh; ’s e sin taobh a tuath den chladach chumhang, a’ Chàrnaich, an Crois Moraig agus Eilean Mhorgaidh.
Ann an ochd ceud deug ’s a h-aon deug (1811), chaidh a mhòr-fhearann seo a bhristeadh suas na ochd chruitean, ’s b’ ann an uair sin a thòisich daoine a’ còmhnaidh air.
’S ann an Clachan na Lùib air iomall mòr-fhearann a’ bhaile seo a chaidh mo thogail-sa. ’S b’ ann à pàirt eile dheth, a’ Chàrnaich, a bha teaghlach mo shinn-sheanmhair, Ceit na Càrnaich – màthair mo sheanair Ùisdean Sheumais Bhàin MacMhathain ’s gibht na bàrdachd agus an t-seinn gu dlùth san teaghlach acasan – mar a chì sibh an ceartuair.
Air a’ làimh eile ge-tà, tha mòr-fhearann baile a’ Bhaile Shear air cladach a’ Bhaile Shear, fearann air tìr-mòr Uibhist a Tuath a tha sgapadh cho fada deas ri taighean Chorùna. Às dèidh ochd ceud deug is fichead (1820), chaidh dusan chruitean a dhèanamh air a’ mhòr-fhearann seo.