Tar-sgrìobhadh: Là ithean Geala 13
“Teannaibh Dlùth is Togaibh Fonn”
Cha robh bodach cuagach a ghluaiseadh gun bhat aige nach do rinn air sgoil Choir an t-Sìthein air feasgar Dimàirt, agus cha robh na cailleachan air dheireadh cuideachd. Abradh sibhse gu robh iad air an spleogaigeadh, is faileas às na brògan aca a dhalladh na sùilean agad nam bitheadh tu a’ coimhead orra ro fhada.
Cha b’ e na seann daoine a-mhàin a thòisich a’ cruinneachadh aig an sgoil aig leth-uair an dèidh seachd am feasgar ud. Bha iad ann às gach ceàrn den sgìre, eadar sean is òg, agus a h-uile duine bha sin agus leth-chrùn aige na dhòrn. Co-dhiù, chan fheumadh a phòca a bhith falamh, oir bha dithis ghillean tapaidh a’ togail an airgid aig an doras, agus is e fear gu math sleamhainn, seòlta a gheibheadh seachad air an dithis ud gun a leth-chrùn a phàigheadh. Cha robh duine a’ faighinn a-steach an-asgaidh - ged a thigeadh Diùc Dhùn-Èideann fhèin - (chan e gu bheil esan seòlta), dh’fheumadh e a sporan fhosgladh! Bha uair a bha na gillean seo ann an sgoil Choir an t-Sìthein - “an uair a bha sinn beag”, bidh iad fhèin ag ràdh. (Mas fhìor gu bheil iad a-nis cho mòr - tha iad ann an sgoil Shanndaisgeir fhathast.)
Is e Eachann Mòr, am marsanta, a chuir fàilte air a’ chuideachd, agus is ann dha fhèin a thigeadh a dhol an ceann cèilidh. Bha e làn de naidheachdan beaga, èibhinn, agus cha robh duine a-staigh nach robh lag a’ gàireachdainn aige mus robh an oidhche seachad. Chòrdadh Eachann ri duine sam bith, ach is e a chòrd riutha buileach ach a’ chlann fhèin. Cò shaoileadh gun cumadh na gillean agus na nigheanan òga seo cèilidh a’ dol bho ochd uairean gu leth-uair an dèidh deich! Agus cò chanadh gum bitheadh na h-òganaich bheaga seo a tha – mar is trice, co-dhiù - cho socair, stòlda anns an sgoil, a-nis cho tapaidh air beulaibh muinntir na sgìre air fad!
Bha corra dhuine nam measg a bha car beag diùid, gun teagamh, ach aon uair ’s gun do sheas iad air an stèidse, thàinig na guthan aca a-mach cho cruaidh agus nach mòr nach tug iad mac-talla nan creag air sparran na sgoile.
“Cha tigeadh na seinneadairean as fheàrr a bha riamh aig Mòd suas riutha seo", ars Eachann Mòr, an uair a bha a’ chuideachd a’ sgaoileadh, agus cha robh duine an làthair a chanadh gu robh e ceàrr.
A. Cha dèan e cron sam bith ort na ceistean seo a fhreagairt - ma nì thu sin gu math!
1. Cò an fheadhainn a thàinig chun na sgoile?
2. Cò às a thàinig iad?
3. Dè thug iad leotha?
4. Cò dha a thug iad seo?
5. Ciamar a bhitheas duine an uair a bhitheas e air a spleogaigeadh?
6. Is cinnteach gum bi thu fhèin mar sin cuideachd aig amannan - cuin?
7. Cuin a thòisich a’ chuirm-chiùil, agus cuin a sguir i?
8. Cò bhitheas air cheann nan cèilidhean anns an sgìre agaibh fhèin?
9. Dè an t-ainm eile bhitheas againn air fear a bhitheas air cheann cèilidh?
10. Carson a chòrd a’ chùis ris an fheadhainn a bha aig a’ chèilidh an oidhche ud?
11. Carson a bha iad a’ gàireachdainn?
12. Innis aon rud (no ma thogras tu, dà rud) a thug gàireachdainn ort fhèin a-riamh.
13. Ma chuala tu riamh mac-talla nan creag, innis càit an cuala tu e.
14. Carson a bha Eachann Mòr a’ moladh na cloinne?
15. Dè bhitheas Eachann a’ dèanamh an uair nach bi e aig na cèilidhean?
B. Feuch am faigh thu grèim air na facail seo - agus feuch nach leig thu às iad!
1. An rud nach eil fada, is ann .... a tha e.
2. Chan eil e òg idir, ach gu math ....
3. Bha an oidhche dorcha, ach dheàlraich an solas, agus dh’fhàs i ....
4. Tha an rathad mòr rèidh, ach tha rathad na beinne ....
5. Bha an talamh bog gus an tàinig an reothadh agus dh’fhàs e ....
6. Mura bithinn cho luath riutsa, cha bhithinn ach gu math ....
7. An duine nach eil glic, is ann .... a tha e.
8. Chan ann spìocach idir a tha an gille sin ach gu math ....
9. Tha a’ bheinn àrd, ach tha a’ mhachair ....
10. “Am fear nach cuir ri latha .... cha bhuain latha ....
C. An tuig, an tuig, an tuig thu fhèin dè tha an t-uaireadair ag ràdh? Innsidh na figearan seo dhut e, ach tha agad fhèin ri innse ann an Gàidhlig.
(a) 2.30 (b) 1p.m. (c) 5 a.m. (d) 12.10 (e) 11.15 (f) 9.20 (g) 9.35 (h) 4.5 (i) 2.50 (l) 4.30 (m) 6.10 (n) 7.15 (o) 7.45 (p) 4.40 (r) 2.55
A. Abair a-nis gun tàinig ort fhèin àite Eachainn Mhòir a ghabhail. Dè an naidheachd èibhinn a dh’ innseadh tusa?