Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar

Mìcheal Hill

Mìcheal: Oidhche ron Nollaig, nuair a bha mi trì neo ceithir bliadhna a dh’aois, bha sianal a ceithir tha mi a’ smaointinn a’ sealltainn a’ chonsairt ‘Tina Live ann an Rio’. Nise, bha mise air bhioran mun cuairt air an Nollaig is cha robh mi ag iarraidh a dhol don leabaidh.

Agus bha mo phàrantan a’ fàs crosta agus mise a’ leum mun cuairt an t-seòmar-suidhe. Agus dìreach mo thuaiream mun d’ thuirt iad, chunnaic mi Tina air an telebhisean a’ spaidearachd air an àrd-ùrlar!

Cathy: Agus h-abair spaidearachd!

Mìcheal: Tha fios a’m! Is bha mi air mo bheò-ghlacadh, agus shuidh mi sìos is sheall mi air a’ chonsairt air fad agus abair faochadh do mo phàrantan. Agus às a dhèidh sin, fhuair iadsan tèip den a’ chonsairt seo, agus bhiodh iad ga chleachdadh mar gum biodh... mar duais bheag ma bha mi modhail! Às dèidh sin, bhithinn a’ farraid do mo phàrantan air oidhche ron Nollaig airson Tina mus deach mi don leabaidh a’ feitheamh ri Santa.

Cathy: Mìorbhaileach, agus tha cuimhn’ agad air a sin. Dè bha thu, trì neo ceithir bliadhna a dh’aois?

Mìcheal: Trì neo ceithir bliadhna a dh’aois.