Tar-sgrìobhadh: Air mo Chuairt le Ealasaid Chaimbeul
Air a leughadh le Màiri Liz NicFhionghuin
Màiri Liz: Air latha bòidheach Cèitein, agus am fitheach a’ cur a-mach a theanga, thàinig mi chun an t-saoghail ann am baile beag àlainn aig ceann a-tuath Bharraigh. Gun teagamh, chan e nì annasach a bha sin. Bha mo leithid-sa tighinn chun an t-saoghail mun àm sin sa bhliadhna naoi ceud deug ’s a trì-deug gu math nas bitheanta na tha iad an-diugh. Bha ochdnar no còrr de theaghlach anns a h-uile taigh anns a’ bhaile bheag againn fhìn, ged nach eil mòran dhiubh an làthair an-diugh.
’S e a’ chiad chuimhn’ a th’ agam a bhith nam shuidh’ aig ceann an taighe, agus mo pheathraichean ’s mo bhràithrean a’ gàireachdaich gu cridheil orm. Bha iad air innse dhomh gun robh athair againne cuideachd, mar a bha aig clann bheag eile a’ bhaile. ’S e naidheachd iongantach dha-rìribh a bha sin dhòmhsa – oir cha robh cuimhn’ agams’ air fhaicinn a-riamh mu choinneamh mo dhà shùil. Thuig mi gun robh e air falbh sa chogadh, ged nach robh fhios agamsa ro mhath gu dè bh’ ann an cogadh, no càite idir an robh e.