Main content

Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne

Dòmhnall Uilleam MacIlleMhoire

Dòmhnall:
An-diugh mar gach madainn eile, bu mhath leamsa tionndadh gu seanfhacal a bha tric is minic air a chleachdadh nam èirigh suas, agus is e sin: “An rud a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis an uisge”.

’S dòcha nam òige nach robh mi buileach a’ greimeachadh air brìgh na h-abairt, ach bha mi eòlach gu leòr air an dà eileamaid ris am bheil i a’ buntainn. Cha shaoil mise gu bheil duine sam bith a chaidh a thogail anns na h-Eileanan an Iar nach eil mion-eòlach air gaoth agus uisge. Ge-tà, is e cuspair na sgeòil seo, an rud a tha a’ tighinn agus ri falbh. Agus is e a’ cheist, ciod e an rud?

Uill, nam bheachd fhìn, cha mhòr nach fhaodadh tu ràdh gu bheil seo a’ bualadh air mòran dha na tha ri fhaotainn anns an t-saoghal mhòr. Nach ann mar sin a tha an saoghal anns a bheil sinn beò? An càr gleansach, àlainn a bha cho brèagha nuair a thàinig e an toiseach chun gheata, an-diugh na chnap meirg air nach toir sinn an dàrna sùil. An t-seacaid a chuireadh tu uaireigin ort gu sràidean a’ bhaile-mhòir an-diugh mar luideag bhrocach nach tèid mu do dhruim ach airson gàirnealaireachd neo obair peantaidh.

Eadhon nas dlùithe ri brìgh an t-seanfhachail, tha na rudan a thig gun dùil riutha, agus mus seall thu riut fhèin tha iad air falbh neo air an cosg. Chan eil fiù nach eil cuid den mhuinntir sin a ghràdhaich sinn nar n-èirigh suas air falbh, cha mhòr gun fhiost’. Cò againn a tha ag iarraidh, “Chan e seo baile a mhaireas”, a chluinntinn? Tha làn fhios againn air agus faireachdainn.