Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst
Seachd latha às dèidh sin, chunnacas sealladh annasach ann an Colla. Thàinig bhan dhubh thèarainte agus a-mach aiste thàinig fear le brèid geal air a shròin. Cha robh duine eile còmhla ris. Bha e air na geàird fhàgail aig an taigh-òsta. Rinn e cinnteach nach robh duine ga fhaicinn agus rinn e toll ann an àite ris an canadh iad o chionn fhada Bealach na Foille. Chuir e dà chuspair gheal san toll. Bha aon a’ deàrrsadh anns a’ ghrian. Dhùin agus dh’fhalaich e an toll gu cùramach leis na sgrathan.
Ged nach tug e an aire, bha cuideigin ga fhaicinn agus ga choimhead. Bha e na sheasamh trì slatan air a bheulaibh, ach bha an duine a bh’ ann gu tur neo-fhaicsinneach. Bha e a’ crathadh a chinn.
Dh’fhan Slim greis a’ smaoineachadh air na rinn e. An robh e a’ dol glan às a chiall? Gheibheadh e dòigh air aon de na claiginn fhaighinn air ais – aon latha.
No ’s dòcha nach fhaigheadh.