Tar-sgrìobhadh: Guthan Binn nam Bonn
Anna Latharna NicIllÌosa (Anne Lorne Gillies)
Anne: Aig a’ chuairt deireannaich mar gum b’ e anns an taigh-dealbh, agus às dèidh dhuinn uile a bhith seinn, bha paca toitean aig cuideigin agus chuir e timcheall na toitein a bha seo!
Agus ghabh mise am measg a h-uile duine eile cha mhòr, ghabh mise 'fag' mar gum b’ e. Agus an uair sin, dh’èirich fear dha na britheamhan air a chasan deiridh, agus thuirt e gum fac’ e cuideigin agus barrachd air aon duine a’ gabhail toitean às dèidh na co-fharpais agus gun robh e an dòchas nach e, mar gum b’ e, droch chleachdadh a bha seo aig fear seach fear dhuinn, air sgàth ’s gu bheil e cho dona ris a’ ghuth!
Agus an uair sin, nuair a thàinig na comharran a-mach agus gun robh e follaiseach gun robh mise sa chiad àite, thàinig mar plàigh de luchd-meadhanan, luchd nam pàipearan-naidheachd sìos oirnn, agus an aon rud a bha iad airson faighinn a-mach bhuamsa an robh mise air a bhith smocadh!
Agus mar aineolach, cil-onaidh, òinseach a bh’ annamsa, thuirt mi, “Oh, ghabh mise toitean, ach na bi ag ràdh guth mu dheidhinn, chan eil fhios aig m’ athair gum bi mise a’ smocadh!”
Agus ann an trì mionaidean, bha m’ athair anns an oifis aige, agus am fòn a’ dol mar na clappers san oifis aige! An robh fhios aige gun robh an nighean aige air a bhith smocadh anns a’ cinema? Agus an ath latha nuair a thàinig na pàipearan-naidheachd a-mach, ’s e a’ chiad headline a bh’ aca, “Her father knows her guilty secret!”