Main content

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne

Shona: Airson an taisbeanadh Snàth a tha mar phàirt dhen fhèill Hebtember chaidh an snàth a thoirt do fhigheadairean, cuid a’ fighe le bioran, cuid le beairt agus chaidh fhàgail aca fhèin gu dè a dhèanadh iad leis.

Margaret Joan : Bha sinne dìreach a ràdh riutha "Tha an snàth an4 seo agus dìreach dèanaibh pèin leis mar a tha sibh a’ faicinn" oir bha sinn air leithid de dhaoine inntinneach agus... air tachairt ris. Bha fhios againn gu robh sùil sgoinneil aca airson rud a dhèanamh agus thàinig iad air ais le dìreach rudan sgoinneil agus rudan cianail snog agus cuideachd tha mi smaoineachadh gu robh iad cho toilichte dìreach cuideigin sin a ràdh riutha. Eil fhios agad? Dìreach dèanaibh rud a tha sibh pèin a’ faicinn.

Shona: Fhuair Margaret Joan beachdan air dè cho math ‘s a tha an snàth a th’ air a dhèanamh thuige seo.

Margaret Joan: Bha pìosan ann, bha fhios againn fhìn nach do dh’obraich cho math ach an uairsin tòrr dhen chlòimh, dhen snàth cuideachd, bha iad cianail toilichte, bha iad a ràdh gu robh e cho math, neo na
b’ fheàrr na snàth a bha iad air a chleachdadh riamh. Bha an dà chuid a bha sin rudan a bha sinn airson a dhèanamh nas fheàrr agus bha sinn cuideachd toilichte gu robh rud a bha sinn a’ smaoineachadh a bha cianail math...cianail math cuideachd!