Tar-sgrìobhadh: Leugh Mi
Gilleasbuig Fearghasdan
Anna: Bha thu ann an Nis airson bliadhnaichean nuair a bha thu beag. Dè seòrsa saoghal a bh’ agad ann an Leòdhas?
Gilleasbuig: Uill, mar a thuirt tè rium nuair a chaidh mi a’ chèilidh ann an Nis o chionn ghoirid, "Is math am bainne a fhuair thu!" Bha, bha e math. ’S e àite, àite beòthail a bh’ ann an Nis nuair a bha mi beag. ’S dòcha nach eil uiread de shluagh ann an-diugh, ach an uair sin, bha tòrr dhaoine a’ fuireach ann, agus bha a’ Ghàidhlig bitheanta. ’S i a bh’ aig a’ mhòr-chuid de dhaoine nuair a dheidheadh tu a-mach...
Anna: Agus ’s e d’ athair a thug ann sibh?
Gilleasbuig: ’S e, bha m’ athair na mhinistear anns an Eaglais Stèidhichte, is bha e an sin nuair a rugadh mise ann an seachdad ’s a còig, agus bha sinn ann còig bliadhna gus an d’ fhuair e gairm a Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.
Anna: Is tha mi a’ creids’ nuair a bha thu ann am manse, ’s e àite trang a tha sin le daoine a-mach is a-steach.
Gilleasbuig: Daoine a-mach is a-steach an-còmhnaidh. Daoine a’ tadhal, ministearan eile, daoine a’ tighinn a choimhead air m’ athair, èildearan, daoine a’ cèilidh an-còmhnaidh.
Anna: Feadhainn annasach uaireannan?
Gilleasbuig: Bha. Tha cuimhn’ am... bha Iain Paisley ann turas. Chan eil fhios a’m carson a bha e ann an Nis, ach ministear, thug e Iain a’ chèilidh air m’ athair, is tha seòrsa de chuimhne agam air a’ chruthail mhòr a bha seo a’ nochdadh aig an doras.
Anna: Duine mòr a bh’ ann.
Gilleasbuig: Duine mòr.
Anna: Nise, nuair a bha thu ag èirigh, nuair a bha thu a’ fàs suas, dè seòrsa rud a bhiodh tu a’ leughadh?
Gilleasbuig: Uill, an ùidh a bu mhotha a bh’ agamsa nuair a bha mi beag, ’s e saoghal nàdair agus beathaichean dhen a h-uile seòrsa. Agus, tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud a bu mhotha a ghlac m’ aire nuair a bha mi beag, cha b’ e leabhar a bh’ ann idir ach cairtean a bha an Reader’s Digest a’ cur a-mach air an robh dealbhan den a h-uile seòrsa creutair, agus air a’ chùl, bha fiosrachadh mu dheidhinn, agus bha seòrsa de bhogsa plastaig anns an robh na cairtean seo, ceudan dhiubh. Agus, mas math mo chuimhne, bha mise air a h-uile gin dhiubh, bha fhios agam dè bh’ annta. Bha mi air a h-uile fear ionnsachadh. ’S e sin am party piece a bh’ agam. Duine a bhiodh a’ taghadh fear agus...
Anna: “Dè am beathach a tha seo?” “Innsidh mi dhut!”
Gilleasbuig: Dh’innsinn dhaibh, agus lean sin rium fad lathaichean na sgoile, agus gu h-araid, bha ùidh agam ann an eòin - eunlaith. ’S e cuspair a b’ fheàrr a chòrd rium nuair a bha mi anns an sgoil agus mar sin, lean mi orm is rinn mi bith-eòlas, biology, anns an Oilthigh ann an Obar Dheathain.