Main content

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Mar a chaidh na làithean seachad dh’fhàs e na bu chinntiche nach robh ann ach cleas a chluich inntinn air. A h-uile oidhche bheireadh e an claigeann a-mach às a’ chiste-thasgaidh mhòir, dhainginn a bha anns an rùm thèarainte. Chuireadh e air a’ chuisean dhearg e, ghlasadh e na dorsan, lìonadh e drama agus shuidheadh e air ais a’ coimhead le iongnadh agus pròis air an rud a bha leis-san, an rud a bha a h-uile duine ann an saoghal nan ealain a’ bruidhinn mu dheidhinn.

Ach aon oidhche bhruidhinn an claigeann a-rithist.

“Seall air do shròin an latha às dèidh a-màireach. Dèan faire.”

Bha rudeigin mun ghuth a chuir gaoir troimhe. Cha robh e cho cinnteach tuilleadh an e mac-meanmna a bh’ ann. Dh’fheith e agus dh’fheith e ach cha tàinig facal eile à beul a’ ghàire. Chuir e ceistean, ach cha tàinig freagairt.

Latha no dhà às dèidh sin bha e ga bhearradh fhèin aig an sgàthan nuair a thug e an aire do ghuirean air a shròin, guirean dubh agus gorm agus beagan fala a’ tighinn às. Cha do chuimhnich e na thuirt an claigeann ris, ach an oidhche sin san Athenaeum thuirt duine ris a bha na lighiche ainmeil a dhol chun an dotair aige leis an spot a bha air a shròin, oir dh’fhaodadh i a bhith cunnartach. ’S ann an uair sin a thàinig na facail air ais thuige: “Seall air do shròin an latha às dèidh a-màireach. Dèan faire.”

Am feasgar sin fhèin, ghairm e an dotair aige chun an taighe. Cha b’ e naidheachd mhath a bh’ aige.

“Melanoma,” thuirt e gu trom-chùiseach, “gun teagamh sam bith.”

Dh’innis e dha cho cunnartach ’s a bha melanoma, gum faodadh e a bhith marbh taobh a-staigh sia mìosan mura sealladh e ris sa bhad. Dh’fhòn an dotair ospadal prìobhaideach agus chuir e air dòigh gun deigheadh e a-staigh làrna-mhàireach.

An oidhche sin, thug e a-mach an claigeann a-rithist agus rinn e mar a b’ àbhaist. A’ glasadh nan dorsan, a’ dòrtadh drama, a’ suidhe sìos fa chomhair an uabhais, oir ’s ann mar sin a bha e a’ coimhead air a’ chlaigeann a-nis. Thug e an aire gun robh toll dubh far an robh an t-sròin. Shuidh e airson ùineachan a’ feitheamh ri facal. Mu dheireadh, nuair a bha e gu leigeil thairis, thàinig an guth a-mach às an fhalamhachd:

“Biodh seo na rabhadh dhut.”

Sin uile, “biodh seo na rabhadh dhut.” Agus ged a dh’fhan e ag èisteachd airson faisg air uair-a-thìde eile, cha tàinig bìog an còrr. Thug e an t-sùil mu dheireadh air a’ ghàire chraosach agus ghlas e an claigeann anns a’ chiste-thasgaidh airson an uair mu dheireadh.