Main content

Tar-sgrìobhadh: Nepal le Alasdair Moireach

Maureen NicLeòid: Aguis cia mheud duine a-rèist a bha sa Leper Colony a bha sin ’s a bha fuireach faisg air a sin, ’s a bha Moira a’ cuideachadh?

Alasdair Moireach: Bha còrr air ceud gu leth neach a’ fuireach ann agus bha diofar sheòrsaichean rudan ceàrr orra; feadhainn dha na rudan a bh’ ann, bha iad anns an inntinn cuideachd ’s mathaid, chan e a-mhàin anns a’ chorp aca. Agus bha Moira a’ dol a-mach aon uair san t-seachdain a choimhead air na daoine a dh’fhaicinn cò aig a bha feum air ’s mathaid rud beag a bharrachd frithealadh air neo ’s mathaid cobhair a thoirt dha na daoine a bha coimhead às an dèidh son bha dithis dhan an fheadhainn a bh’ ann, bha iad air beagan treanigeadh fhaighinn airson na bandages no na dressings làitheil.