Main content

Tar-sgrìobhadh: Thuige Seo le Dòmhnall Meek

Dòmhnall Meek: Chaidh mo thogail-sa le Gàidhlig, agus ’s e pàiste le Gàidhlig a bh’ annam. Bha m’ athair is mo mhàthair uabhasach moiteil às a’ Ghàidhlig, is gu sònraichte m’ athair, is bhiodh esan ag ràdh gur e Gàidhlig “an ite a b’ àirde nam bhonaid”, sin a bhiodh e ag ràdh. Seo balach a thàinig às an Eaglais Bhric, cuimhnich, agus ’s e Gàidhlig a bh’ againn san taigh.

Dòmhnall Moireasdan: Agus, an uair sin san sgoil.

Dòmhnall Meek: An sgoil. Uill, cha dìochuimhnich mise gu bràth a’ chiad latha a chaidh mi don sgoil. Bha e mar gun rachainn a-staigh do dh’uamh dhorcha far nach robh lasair grèine neo gath sam bith. Cha robh facal Gàidhlig ann. Bha a’ bhean-teagaisg againn, ’s ann às an Tairbeart, Tairbeart Loch Fìne a bha i, is cha robh aon fhacal Gàidhlig aice.

Dòmhnall Moireasdan: Agus an robh Beurla gu leòr agaibhs’ airson a tuigsinn?

Dòmhnall Meek: Cha robh. Bha beagan fhacail agam. Bha mo mhàthair ag ionnsachadh na Beurla dhomh mus deach mi don sgoil agus, oh cha robh e a’ còrdadh rium idir. Tha cuimhn’ agam fhathast mar a bhithinn a’ fàs gu math eagarra nuair a bhiodh mo mhàthair a’ toirt facal neo dhà den Bheurla dhomh. Bha mi ag radh, dè feum a th’ anns a’ Bheurla? Nì Gàidhlig an gnothach dhomhsa. Dh’fhalbh mi don sgoil a bha seo, is thèid mise an urras gun d’ fhuair mi Beurla an uair sin, obh obh! Tha cuimhne agam gu math air a’ chiad latha. Bha each againn aig an àm a bha sin, is chaill an t-each a’ chruidh, agus cha robh iad airson gun rachadh cruidh ùr a chur air an each, is bha iad a’ siubhal na cruidhe a bha seo. Is bha mise airson falbh còmhla ris na fìr, feuch am faigheamaid a’ chruidh a chaill an t-each. Agus bha mi ann a siud, glaiste am broinn na sgoile a bha seo, agus cha robh mi a’ cluinntinn ach Beurla. Agus an uair sin, bhithinn a’ tighinn a-mach às an sgoil, is bhithinn a’ cur rann mhionnan ris a’ bhean-teagaisg, smaointich, anns a’ Ghàidhlig! Bha feum air a’ Ghàidhlig uaireannan. Cha robh fhios aice-se dè bha mi ag ràdh is math nach robh neo gheibhinn an Tawse!

Dòmhnall Moireasdan: ’S dòcha gur e sin a thug miann air litreachas cho beò ann an Dòmhnall Meek anns na bliadhnaichean. Tha taing agaibh ri thoirt dhan a’ bhean-teagaisg.

Dòmhnall Meek: Oh, gu dearbha!