Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 6
“Mach à Seo Sibh!”
Feumaidh Calum agus Màiri cabhag a dhèanamh an uair a dh’fhàgas iad an taigh anns a’ mhadainn. Tha aca ri dhol air astar fada mus ruig iad sgoil Choir an t-Sìthein - suas ri mìle - agus chan eil a chridhe aca gun a bhith innte aig leth-uair an dèidh naoi air a’ char as fhaide. Bha uair nach robh i a’ fosgladh gu deich uairean, agus dh’fhaodadh a’ chlann an uair sin ceum socair, mall a bhith aca; ach cha dèan sin a’ chùis a-nis – dh’fhalbh an latha buidhe sin!
Is math a tha fios aca fhèin nach bi am maighstir-sgoile air a dhòigh mura bi iad aig doras na sgoile cho luath ’s a bhuaileas e an clag. Mar a bhitheas e fhèin ag ràdh riutha – “Am fear a bhitheas air dheireadh, beiridh a’ bhiast air!”
Chan ann tric a bha Calum agus Màiri a-riamh fadalach, ach chan e sin do Niall Moireasdan e. Is e seo fear de chompanaich Chaluim, agus is iomadh latha nach eil esan cho tràth ’s a bu chòir dha. Bidh sin a’ sàrachadh a’ mhaighstir-sgoile, Mgr. Mac an t-Saoir, ach tha e nis mion-eòlach air a’ chùis, agus is ann a bhitheas e a’ dèanamh spòrs air Niall, ag ràdh ri càch – “Am fasan a bh’ aig Niall, bha e riamh ris!"
Mar as sine tha a’ chlann a’ fàs, is ann as motha bhitheas aca de leabhraichean. Tha màileid Chaluim làn gu a beul. Tha dusan leabhar aige air fad. Is e leabhraichean Beurla a tha anns a’ chuid as motha a tha aige, ach tha feadhainn Ghàidhlig aige cuideachd. Is e am fear a tha e fhèin a’ dèanamh as fheàrr leis uile gu lèir. Tha dealbhan brèagha agus mòran de rudan annasach ann, agus a h-uile càil ann an Gàidhlig. Is ann a tha Màiri a’ cumail ris gu bheil am fear a tha i fhèin a’ dèanamh nas fheàrr na am fear aige-san, ach cha ghabh Calum ri sin idir. Chan eil uiread de leabhraichean aig Màiri, chionn tha ise nas òige, agus chan eil a’ mhàileid aicese cho trom.
A. Feuch a-nis air na ceistean seo - agus sin gu dìcheallach!
1. Ciamar a bhitheas Calum agus Màiri a’ coiseachd air an t-slighe don sgoil?
2. Cuin a dh’fheumas iad a bhith aig an sgoil?
3. Cuin a bhitheas tu fhèin a’ ruigheachd na sgoile?
4. Dè an t-ainm a tha air a’ mhaighstir-sgoile aca?
5. Dè an t-ainm a tha air a’ mhaighstir-sgoile (no air a’ bhana-sgoilear) agad fhèin?
6. Ciamar a bhitheas fios aig a’ chloinn gu bheil an t-àm aca a bhith aig an sgoil?
7. Cia mheud leabhar a tha aig Calum anns a’ mhàileid?
8. Cia mheud leabhar a tha agad fhèin?
9. Carson nach eil uiread de leabhraichean aig Màiri ’s a tha aig Calum?
10. Cia mheud leabhar Gàidhlig a tha agadsa?
11. Cò as trice bhitheas air dheireadh ann an sgoil Choir an t-Sìthein?
13. Cò as trice bhitheas air dheireadh anns an sgoil agaibh fhèin?
14. Dè thachras do neach a bhitheas air dheireadh?
15. Saoil dè na rudan annasach a tha aig Calum anns an leabhar Gàidhlig aige fhèin?
B. Innis a-nis dè cho càirdeach ’s a tha iad seo:
1. Is i Màiri .... Mòraig.
2. Is i Mòrag .... Sheumais.
3. Is e Seumas .... Chaluim Bhàin.
4. Is e Calum .... Màiri.
5. Is e Calum .... Sheumais.
6. Is i Màiri .... Chaluim.
7. Is i Mòrag .... Màiri.
8. Is e Calum Mòr .... Màiri.
9. Is e Calum Bàn .... Chaluim Mhòir.
10. Is e Niall .... Chaluim Bhàin.
C. Nach ann aca seo a tha an naidheachd! Ach cò iad?
1. Tha na .... a’ comhartaich.
2. Tha a’ .... a’ gàgail.
3. Bidh na h- .... a’ ceileireadh.
4. Siud an t- .... a’ sitrich.
5. Chuala mi .... a’ mèilich.
6. Tha geum àrd aig a’ ....
7. Nach ann aig a’ .... a tha an gairm sgairteil!
8. Tha am .... a’ langanaich anns a’ bheinn.
9. Nach cluinn thu a’ .... a’ miogadaich.
10. Chuala an sealgair an .... a’ beucaich anns a’ choille.