Main content

Tar-sgrìobhadh: Leugh Mi

Cailean MacIllEathain

Cailean MacIllEathain: ’S e Cannery Row ainm an leabhair seo le John Steinbeck. John Steinbeck, sgrìobh e East of Eden, Grapes of Wrath agus... leabhraichean ainmeil...

Anna KC NicLeòid: Of Mice and Men....

Cailean: ... Of Mice and Men mar sineach. ’S e leabhar goirid a tha seo, agus tha e uabhasach èibhinn. Agus tha Cannery Row, ’s e sgìre de Monterey ann an California a th’ ann an Cannery Row, agus tha eaconomaidh a’ cheàrnaidh sin stèidhichte air taighean gnìomhachais far a bheil iad a’ cur sardines ann an croganan is gnothaichean mar sin!

Anna: Sin an adhbhar a tha Cannery Row air an àite?!

Cailean: ’S e, ’s e, agus tha e stèidhichte aig an àm nuair a bha eaconamaidh nan Stàitean Aonaicht’ – eaconomaidh an t-saoghail ann an èiginn – depression, mar a their iad. Agus tha e a' toirt dhuinn dealbh dhan a’ cheàrnaidh tro charactaran; tha iomadh caractar anns an leabhar agus tha e a’ toirt dhuinn dealbh uabhasach inntinneach orrasan agus mar a tha esan a’ mìneachadh nan caractaran sineach, tha thu a’ faighinn eòlas air an sgìre agus air a’ cheàrnaidh. Chan eil sgeulachd, chan eil gnìomhadh no “plot” ceart anns an leabhar ann, ach chan eil e... chan eil e riatanach anns an leabhar seo.