Tar-sgrìobhadh: Leugh an Leabhar
Nightblind
Mark: Agus airson prìomh leabhar na mìos, tha sinn a’ siubhal gu tuath, chun a’ bhaile as fhaide tuath ann an Innis Tìle far a bheil Nightblind le Ragnar Jonasson suidhichte – an dàrna nobhail ann an sreath de leabhraichean eucoir a tha Jonasson a’ sgrìobhadh fon a’ bhratach “Dark Iceland.” Uill, tha e coltach nach eil crìoch air an ùidh a th’ againn ann an Nordic Noir, is saoil an robh na h-aoighean agam air an dalladh le Nightblind? Mhàiri NicAmhlaigh agus Iain Chaimbeul, fàilt’ air an dithis agaibh. A Mhàiri, a bheil thu fhèin tric a’ leughadh “Nordic Noir?”
Màiri : Uill, chan eil. Tha mi smaoineachadh, mar as aosta, agus tha mi cho aosta ri na bruthaichean a-nis – g’ eil leabhraichean anns a bheil eucoir, gu bheil iad a’ dèanamh dragh dhomh, nach eil mi airson, eil fhios agad, a bhith a’ dol ... m’ inntinn dol tron an ùpraid tha seo, ged a tha mi air a’ chuid as motha ac’ fhaicinn air an telebhisean. Chan eil fhios a’m a bheil e nas fharast’ èirigh bhon a sin ’s copan teatha a dhèanamh. Ach anns a’ bhad, tha e stèidhichte ann am baile beag, Siglufjörður shuas ann an ceann a tuath Innis Tìle. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil fios aig a h-uile duine dìreach man a tha an t-sìde ann a shin.