Main content

Tar-sgrìobhadh: Fianais

Betty Mhàrtainn is Iain Moireasdan

Iain: Robh sibhse a’ cluinntinn dè bha tachairt mun àm seo?

Betty: Bhon a thill sinne chun a’ bhus, thòisich daoine a’ taomadh a-mach às a’ stadium an uair sin – ’s ann an uair sin a thòisich e fàs eagalach – fhios agad? Bha càrdagan dearg ormsa co-dhiù anns a’ bhus agus tha ... Eadailtich, bha iad a' tighinn dhan an uinneag agus bha iad a’ caith rudan air uinneagan a’ bhus againn, fhios agad? Agus thug an dràibhear dhomhsa seacaid agus shìn mi air an làr agus chuir mi dhìom an t-aodach dearg a bh’ orm, fhios agad? Bha iad cho cas, bha iad cho cas a' feu...

Iain: Agus an e sin daoine a bha an dèidh 's a bhith staigh ... ’s bha iad air a bhith faicinn - bha iad air an trioblaid fhaicinn?

Betty: Bha ’s bha iad air tighinn a-mach fhios agad, bha iad a’ tighinn a-mach – bha sgaoth de dh’Eadailtich a’ tighinn a-mach an uair sin, às a’ phàirc. Ged a chùm an gèam’ air, mar a tha fhios agad. Ach thàinig tòrr a-mach às ’s bha iad cho cas, bha iad cas rinne co-dhiù!

Iain: Agus ciamar a bha thu faireachdainn?

Betty: Uill, ghabh mi beagan de dh’eagal, feumaidh mi ràdh gun do ghabh mi eagal, o chionn bha clachan aca! Chan eil fhios agams’ an ann às a’ bhalla a thuit, a fhuair iad na clachan. Bha clachan aca ’s gan caith ... uill bha iad a’ caitheamh sin a-staigh anns an stadium. Na h-Eadailtich, cuimhnich, a bharrachd air muinntir Liverpool, bha iad a’ caitheamh chlachan a-null. Fhios agad, chaidh an suidhe còmhla, sin an dara mearachd a chaidh a dhèanamh.

Iain: Gu dearbha.

Betty: Chuir iad còmhla iad, fhios agad?