Tar-sgrìobhadh: Seachdain sa Chogadh
Gilleasbuig MacDhòmhnaill
Catrìona : Air an ochdamh latha den Fhaoilleach 1916, chaidh na saighdearan Breatannach mu dheireadh, mu sheachd mìle deug dhiubh, a thoirt a-mach à Helles an Gallipoli.
Gilleasbuig : Bha na Frangaich mu dheireadh air falbh lathaichean ron a sin. Bha na Tuircich air feuchainn air na Breatannaich an latha mus do dh’fhalbh iad, ach bha gu leòr dhe na Tuircich nach d’ thàinig a-mach às na trainnsichean agus fios aca gu robh Breatannaich a’ fàgail a dh’aithgheàrr.
Ann am beagan is seachdain, chaidh còig mìle deug thar fhichead saighdear, corr air ceud gunna is trì cheud carbad, mìle gu leth tunna de stòras eile agus faisg air trì mìle gu leth beathach eich agus mule a thoirt a-mach à Helles.
Chaidh cur às do chòrr is còig cheud beathach.